Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig

Cothrom ùr - Cur-seachad fìrinneach do dh’ùrlaran didseatach

Tha Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA agus Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Scotland còmhla a’ lorg bheachdan airson sreathan ùra goirid de chur-seachad fìrinneach a bhios freagarrach do dh’aoisean nas òige (18-24). ’S e an rud as cudromaiche gu bheil an t-susbaint a’ faireachdainn is a’ coimhead ùr is beothail le fìor dheagh thàlant Gàidhlig aig a cridhe.

Lùigeadh sinn earrannan de 8-15 mionaidean a dh’fhaid a tha air an cruthachadh gu sònraichte do BhBC iPlayer agus YouTube Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA, le cruth is cur-seachad tarraingeach na bhunait, agus a chumas luchd-amhairc a’ tilleadh airson tuilleadh. Bu chòir dha gach earrann a bhith luath, dathach is geur. Chan eil sinn idir a’ coimhead airson prògraman aithriseach àbhaisteach.

Tha fàilte ro chompanaidhean an Alba a tha stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan* no ann an co-bhanntachd le companaidhean a tha stèidhte ann an àiteachan eile. Bu chòir gu bheil gach tagradh a’ sealltainn ciamar a thathas a’ cur taic ri riochdachadh agus leasachadh tàlant Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan.

Feumar gach tagradh gabhail a-steach »å³óà de na h-eileamaidean a leanas air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan:

• °Õà±ô²¹²Ô³Ù

• Com-pàrtaichean

• Àitichean

• Riochdachadh

• (faic an nota gu h-àrd*)

Faodaidh an t-susbaint a bhith dà-chananach, ach bu chòir gur i a’ Ghàidhlig a tha a’ faighinn prìomhachas an còmhnaidh.

Tha sinn an dùil gum bi an taraif timcheall air £1k gach mionaid agus bhiodh sinn a’ sùileachadh gum bi companaidhean a’ smaoineachadh air an seo nan cuid beachdan, no obrachadh còmhla ri buidhnean eile airson maoin a bharrachd a thoirt chun phròiseict.

Bu chòir beachdan (riochd goirid) a chur thugainn ro 12f air 27.03.2025, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara, bhidio a’ sealltainn tàlant ùr sam bith, molaidhean air ceadan coileanta airson YouTube agus buidseat agus fiosrachadh mun chompanaidh.

Cuiribh na beachdan gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk.

Tha an cothrom tha seo a’ tighinn à gealltanas eadar Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Scotland agus Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA airson dà bhliadhna de thaic airson susbaint Gàidhlig ùr air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan, a’ gabhail a-steach dràma agus cur-seachad fìrinneach.

 

 

LEASACHADH DRAMA TBh GÀIDHLIG COTHROM 2025

DRÀMA TELEBHISEIN

Tha soirbheachas An t-Eilean air sealltainn mar a dh’fhaodas sgeulachd thoinnte, Ghàidhlig suidhichte ann an àrainneachd àlainn eileanach, luchd-amhairc a tharraing agus a ghreimeachadh.

Tha sinn airson leasachadh tuilleadh dràma Gàidhlig airson TBh agus tha sinn a’ sireadh bheachdan ùra, àrd-amasach bho sgrìobhadairean agus riochdairean.

Na tha sinn a’ sireadh

Tha sinn a’ sireadh bheachdan ùra a nì ceangal ri luchd-amhairc le Gàidhlig.

Sgeulachdan a tha freumhaichte agus dàimheil le suidhichidhean a tha aithnichte ann an saoghail agus eòlas an luchd-amhairc le comas a bhi tarraingeach cuideachd do luchd-amhairc eadar-nàiseanta.

Bu chòir beachdan a bhith làidir agus sònraichte, a’ tarraing bho ar cànan ar dualchas agus ar cruth-tìre.

³Ò²Ôè

Tha sinn fosgailte do gach gnè a bhios a’ togail ùidh agus a’ gluasad luchd-amhairc.

Bu mhiann leinn beachdan suidhichte san latha diugh seach a bhi a’ coimhead air ais. Ach, tha sinn fosgailte do bheachdan air an stèidheachadh bho chionn fhada cho fad 's gu bheil cothroman ann airson co-mhaoineachadh agus/no gu bheil àireamh bheag de charactaran agus agus suidhichidhean nan cois.

Tha e eu-coltach gun gabh sinn ri sgeulachdan iargalta, sci fi no uirsgeulan mar phàirt den ghairm seo.

A thuilleadh air beachdan ùra thèid beachdachadh air sgeulachdan bho leabhraichean – ach feumaidh na còraichean a bhith rim faighinn.

Cruth

Is e na prìomhachasan againn sreathan de phrògraman 45-60-mionaid. Chan fheum an sgeulachd a bhi iomchaidh airson an dàrna sreath.

°äà²Ô²¹²Ô

Tha an gairm seo airson beachdan dràma a tha gu ìre mhòr air an innse sa Ghàidhlig ach beachdaichidh sinn air cuibhreann de chànanan eile, (Beurla nam measg), a rèir suidheachadh co-mhaoineachaidh suas gu 25% aig a’ char as àirde. Bidh sinn a’ sùileachadh tagraidhean sgrìobhte sa Ghàidhlig.

Luchd-amhairc

Tha sinn airson a bhith tarraingeach do luchd-amhairc farsainge – gach cuid air Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA agus air Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú iPlayer le comas air feadh na RA, agus cuideachd cothroman sgaoilidh eadar-nàiseanta.

Miann

Rudan a tha cudromach dhuinn – mac-meanmna, lèirsinn agus miann. Tha sinn a’ coimhead airson guth sònraichte le sealladh eadar-dhealaichte air an t-saoghal.

°Õà±ô²¹²Ô³Ù

Tha sinn airson a bhith ag obair leis na daoine cruthachail as fheàrr bho air feadh na h-Alba. Tha an gairm seo fosgailte do chompanaidhean riochdachaidh dràma ag obair còmhla ri luchd-cruthachaidh Gàidhlig aig àrd ìre. Tha dearbh-aithne cultarach agus cànanach deatamach.

Chan eil sinn a’ coimhead airson beachdan air cleasaichean aig an ìre thràth seo. Ach, bu chòir do bheachdan a bhith mothachail air na cleasaichean a tha ag obair sa Ghàidhlig.

Co-mhaoineachadh agus creideasan cìse

Ged a tha an gairm seo airson leasachadh aig ìre thràth bu mhath leinn beachdan no pròiseactan fhaicinn aig a bheil comas co-mhaoineachaidh le com-pàirtichean maoineachaidh leithid craoladairean eile, buidhnean sgrion agus luchd-sgaoilidh. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air molaidhean airson dràma TBh àrd-ìre a bhiodh airidh air creideas cìse AVEC na Rioghachd Aonaichte.

Buidseat

Gus a bhith airidh air faochadh cìs TBh AVEC na RA tha sinn a’ coimhead airson pròiseactan aig cosgais £1m ( aig an ìre as ìsle) gach uair craolaidh.

 

TAGRAIDHEAN

¶Ùè?

Chan eil sinn a’ sireadh sgriobtaichean slàn. Tha sinn a’ lorg mìneachadh na sgeòil, na prìomh charactaran agus an dòigh-obrach a thathar a’ moladh - 4 duilleagan aig a’ char as fhaide.

Feuch an cuir sibh a-steach cuideachd Cunntas Obrach an airson am prìomh thàlant cruthachail.

Ma tha am beachd stèidhichte air leabhar, feumaidh sibh dearbhadh gu bheil na còraichean rim faighinn.

°äྱ³Ù±ð?

bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

Cuin?

Cuiribh ur tagradh thugainn ro 1700 air 25.04.25.

Na h-ath cheumannan

Bidh sinn ag amas air beachdan a leughadh ro 09.05.25. Dh’fhaodadh gun toir sinn cuireadh gu sgrìobhadairean agus/no riochdairean coinneachadh gus innse dhuinn mu na pròiseactan aca.

Nì sinn co-dhùnadh mu na pròiseactan a tha sinn airson leasachadh ro 30.05.25. Cuiridh sinn fios air ais chun a h-uile tagraiche cho luath ‘s a ghabhas às dèidh a’ cheann-latha sin. Gheibh sgrìobhadairean/companaidhean riochdachaidh soirbheachail tairgse airson leasachadh pàighte.

Airson tuilleadh fiosrachaidh

Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun iarrtas leasachaidh seo, nach cuir sibh fios gu Bill MacLeòid bill.macleod@mgalba.com

 

Cò Sinn?

  • Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach 
  • Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron 
  • Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
  • Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
  • Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: