Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

90% airson Bàigh na Hearadh a cheannach

  • Air fhoillseachadh
Na BàighTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còrr air 40 duine an làthair aig a' choinneimh.

Bhòt 90% de na bha aig coinneimh san sgìre oidhche Chiadain sùil a thoirt air Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a ghabhail os làimh.

Bha còrr air 40 duine an làthair, agus riochdairean ann cuideachd bho Urras Cheann a Tuath na Hearadh, agus Urras Taobh Siar na Hearadh, a th' air na h-oighreachdan air a bheil iad fhèin a' fuireach a cheannach don choimhearsnachd cheana.

Tha Oighreachd nam Bàgh a' ruith bho Dhìricleit aig tuath, gu ruige Ròghadail aig deas.

Aig coinneamh na bu tràithe am bliadhna, chuir mòr-chuid taic son a dhol air adhart leis an iomairt.

Sgrùdadh Comais

'S ann an Sasainn a tha am fear is leis an oighreachd a' fuireach, agus i ga ruith às a leth le fear a tha a' fuireach ann an Steòrnabhagh.

Chan eil dùil gum bi an t-uachdaran ro dheònach an oighreachd a reic.

Ach bhòt muinntir na sgìre gu mòr airson leantainn leis an iomairt, feuch an toiseach co-dhiù am biodh e ciallach gu h-eaconamach a dhol air adhart.

"Bha tòrr smaoineachaidh am measg dhaoine gum bu chòir dhaibh seo a dheànamh, seach gun deach na h-oighreachdan eile san sgìre a cheannach," thuirt Cathraiche Urras nam Bàgh, Iain MacLeòid.

"Bha iomadh ceist air daoine, dè ghabhadh dèanamh, 's ciamar a bhiodh ionmhas ann airson an oighreachd a ruith, 's ceistean den t-seòrsa sin.

Toil an Uachdarain

"Chaidh a' bhòt math dha-rìribh, agus bha a' chuid as motha air a shon.

"Feumaidh sgrùdadh comais a bhith air a dhèanamh an toiseach, feuch am biodh e reusanta an oighreachd a cheannach, 's an urrainn dhuinn a ruith leis an airgead a thigeadh a-steach bhuaipe," thuirt e.

Chaidh bhòt neo-fhoirmeil a chumail cuideachd aig a' choinneimh, feuch am biodh daoine deònach a dhol air adhart an aghaidh toil an uachdarain.

Bhòt mòr-chuid airson cumail romhpa nan tachradh sin.

Tha còir aig coimhearsnachdan oighreachd a cheannach a dh'aindeoin uachdarain fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.