Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Trì buinn snàimh do sgioba nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Kara Hanlon

Ghlèidh Kara Hanlon bonn òir ann an dà fharpais feasgar Dimàirt ann an Gotland: 200m breastroke agus 200m IM.

Bha Kara air farpais 200m breaststroke a ghlèidheil aig Geamannan Jersey cuideachd bho chionn dà bhliadhna.

Chaidh aig Kathryn Offer air bonn umha a bhuannachadh san rèis 100m backstroke.

Aig raon nan lùth-chleasan ann an Gutavallen, thilg Eve Carrington astar 10.99 airson bonn airgid a chosnadh ann am farpais Shot Put. Adhartas do Eve or b' e bonn umha a fhuair i ann an Jersey.

Na bu thràithe air an là dhìon Kerry agus Ciorstaidh Nic a' Phì duaisean a ghlèidh iad fhèin ann an Jersey ann an 2015 le bhith air thoiseach air càch. Thàinig Kerry tarsainn na loidhne sa chiad àite, a' togail buinn-òir agus Ciorstaidh san dàrna àite a' faighinn buinn airgid. Air sgàth seo ghlèidh na peathaireachain Nic a' Phì bonn-òir na sgioba cuideachd.

Anns an treas geama sa bhuidhinn aca bha sgioba nam balach a' cluiche sgioba Froya ann am farpais a' bhuill-choise, 's rinn iad a' chùis san fharpais airson a' chiad turais, 4-2, leis na tadhal a' tighinn bho Mhicheal R. Mac a' Ghobhainn, dhà bho Aonghas MacDhòmhnaill, agus Stiùbhart Rothach. Bidh iad a-nis a' cluiche Diardaoin an aghaidh Eilean Hitra airson an fharpais a chrìochnachadh san 11mh neo 12na àite.