Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Taghadh Chupa Eilean an Fhraoich

  • Air fhoillseachadh
An Taobh SiarTùs an deilbh, An Taobh Siar
Fo-thiotal an deilbh,

An Taobh Siar

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa Eilean an Fhraoich 2019.

Rinneadh an taghadh air a' phrògram Siubhal gu Seachd le Pluto air Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gàidheal.

Tha an àireamh de sgiobaidhean san fharpais air a dhol an àirde gu ochd am-bliadhna leis gu bheil sgìre Ùig/Beàrnaraigh air sgioba a chur air adhart.

B' ann ann an 1986 a chluich iad san fharpais mu dheireadh.

Tha an taghadh mar a leanas:

A' Chiad Chuairt - 24.6.19 is 01.07.19

Am Bac - Càrlabhagh

Na Lochan - Nis

An Taobh Siar - Na Hearadh

An Rubha - Ùig/Beàrnaraigh

Leis gu bheil Càrlabhagh agus Ùig/Beàrnaraigh a' cluich nan geamaichean aca aig pàirce Chnoc a' Choilich, dachaigh Chàrlabhaigh, bidh a' chiad geama eadar An Rubha is Uig/Beàrnaraigh air a chluich ann an Càrlabhagh gus nach bi dà gheama air an aon phàirc air an aon oidhche.

'S iad an Taobh Siar a bhuannaich an cupa ann an 2018.

'S ann am Barbhas a bhios a' chuairt dheireannach am-bliadhna.

Thèid an geama air adhart Dihaoine an 2mh là den Lùnastal.