Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Tha a h-uile dùil gun tachair Barrathon 2020

  • Air fhoillseachadh
Barraigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bòichead Bharraigh a' tarraing luth-chleasaichean a thig le an teaghlaichean airson saor-làithean a dhèanamh dheth

Bha dragh ann am Barraigh nach biodh an rèis leth-mharathon ann às t-samhradh an ath-bhliadhn' leis gu bheil a' mhòr-chuid den chomataidh os a cionn a' leigeil na h-obrach seachad

Ach nochd mu 20 duine aig coinneimh air an eilean oidhche Mhàirt, gu leòr thathar an dòchas, airson an tachartas a chumail a' dol.

Bha Ceiteag NicNèil, a th'air a bhith air a' chomataidh fad bhliadhnaichean, an làthair.

Thuirt i: "Tha e uabhasach cudromach a chionn 's e rèis an rud as motha a tha a' tachairt air an eilean fad na bliadhna.

"Tha gu leòr aca a' tighinn agus bidh iad a' toirt na teaghlaichean aca cuideachd, agus tha iad a' dèanamh làithean-saora dheth gu h-àraidh on a bhios an rèis sna Hearadh an t-seachdain as ar dèidh, agus tha sin math dha na h-eileanan uile gu lèir, gu bheil iad a' cosg airgid sna h-eileanan."

Tùs an deilbh, Karen Elder
Fo-thiotal an deilbh,

Chan fhaigh ach 300 aig a' char as motha cothrom ruith san rèis

Tha 20 bliadhna on a thòisich an rèis airson toiseach na h-aonamh linn thar fhichead a chomharrachadh ach tha dòchas ann gu bheil a-nis linn ùr air thoiseach air an tachartas spòrs.

Tha e air a dhol na thachartas ruith air leth tarraingeach ach leis cho beag 's a tha Barraigh chan eil àite ann ach airson 300 luchd-ruith.

An-uiridh cha tug e ach trì mionaidean mus robh na h-àiteachan sin uile air an gabhail!

Mar sin, tha cuireadh ga thoirt do dhaoine a dhol gu Coinneimh Bhliadhnail Bharrathon san t-Samhain airson comataidh ùr a thaghadh gu foirmeil a bhios deònach uallach a ghabhail airson na rèis.

Ma thachras sin, tha dùil gur ann air 27mh den Ògmhios 2020 a bhios am 21mh Barrathonn ann.