Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Teine aig Clach na Cùdainn

  • Air fhoillseachadh
Clach

Tha teine air milleadh a dhèanamh aig dachaidh Clach na Cùdainn ann an Inbhir Nis.

Chaidh na poilis a ghairm gu Pàirc Sràid nan Granndach mu 0925 agus chaidh rathaidean faisg air làimh a dhùnadh.

Chaidh ceithir einnseanan smàlaidh a chur chun na làraich.

Thuirt an cluba ball-coise, a tha a' cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd, gun robh teine beag ann an seòmar na sgioba ach fhuair oigifich a' chlub gun robh an teine nas motha na bhathar an dùil an toiseach.

Thuirt Clach gun robhar a' creidsinn gur e uireasbhaidh dealain a dh'adhbhraich an teine agus gun deach "fìor dhroch mhilleadh" a dhèanamh.

Dh'fhoillsich iad aithris ag ràdh cho taingeil 's a bha iad airson na seirbheis smàlaidh agus nach deach duine sam bith a ghoirteachadh.

Chuir Clach fios air an Lìog agus cumaidh iad fiosrachadh riutha mu obair càraidh.

Thuirt an cluba cuideachd gun cuireadh na thachair maill orra ach gun robh dùil aca gum faigheadh iad air ais air an casan an ceann ùine ghoirid.