Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Bhòtaidh muinntir Oighreachd nam Bàgh mu shealbh a ghabhail air an fhearann

  • Air fhoillseachadh
Soidhne-rathaid
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an oighreachd a' toirt a-steach sgìre mhòr sna Hearadh agus Beàrnaraigh.

Thèid iarraidh air daoine a tha a' fuireach air Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh bhòtadh am bu chòir dhan choimhearsnachd sealbh a ghabhail air an fhearann.

Thathas air a bhith a' coimhead ris an àite a ghabhail thairis airson seachd bliadhna a-nis, is taigheadas na thrioblaid mhòr anns an sgìre.

Thuirt an fheadhainn leis a bheil an oighreachd nach reic iad i mur a h-eil a' mhòr-chuid de dhaoine anns an sgìre ag iarraidh a gabhail thairis.

Tha dùil gun cosg Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh, a tha cuideachd a' gabhail a-steach Beàrnaraigh na Hearadh, còrr is £1m not.

'S ann leis an teaghlach Hitchcock a tha a' fuireach ann an Surrey a tha an oighreachd.

Bileagan bhòtaidh

Thuirt Cathraiche na Buidhne Stiùiridh Coimhearsnachd, John Maher, a bh' anns a' chòmhlan The Buzzcocks, gun tug Maoin Fearainn na h-Alba còrr is £7,000 dhaibh, ach gun urrainn dhaibh cuideachd suas ri 95% de phrìs na h-oighreachd a thoirt dhaibh.

Chaidh trì coinneamhan airson fios a chumail ris a' choimhearsnachd a chumail anns an t-Òb, anns na Bàigh agus ann am Beàrnaraigh na Hearadh.

Thèid bileagan bhòtaidh a chur a-mach gu còrr air 600 neach aig deireadh a' Ghiblein.

Thuirt Maighstear Maher gum faodadh a' choimhearsnachd airgead math a dhèanamh nam faigheadh iad sealbh air an oighreachd.