Farrais air tarraing a-mach à Lìog na Gà idhealtachd
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Forres Mechanics nach bi iad a' cluich ann an Lìog na Gà idhealtachd air an t-seusan seo air sgà th suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
Thà inig e am bà rr gun do dh'aontaich bòrd-stiùiridh a' chluba gu h-aona-ghuthach gum bu chòir dhaibh tarraing a-mach às an fharpais.
Tòisichidh seusan ùr Lìog na Gà idhealtachd aig deireadh na mìos, nas anmoiche na bha dùil.
Thà inig dòchas às ùr dhan fharpais is a' Ghà idhealtachd is Moireibh ann an Ìre 1 ann an siostam riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh Chovid-19.
Tha dùil mar sin gum bi cothrom aig clubaichean luchd-taic a leigeil a-steach nuair a thòisicheas an seusan.
Co-dhùnadh doirbh
Ach cha bhi Farrais nam measg.
Dh'innis iad nach b' e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhaibh tarraing a-mach às an lìog.
Thuirt iad gur e slà inte is sà bhailteachd nan cluicheadairean, luchd-obrach, an teaghlaichean, agus coimhearsnachd a' bhaile is sgìre Mhoireibh san fharsaingeachd an rud as cudromaiche a th' ann dhaibh.
'S e na Mechanics an cluba as sine ann an ceann a tuath na h-Alba agus bha ballrachd aca ann an Lìog na Gà idhealtachd bho thòisich e ann an 1893.
'S iad Farrais agus Clach na Cùdainn a-mhà in bho na clubaichean a stèidhich an lìog a tha fhathast a' cluich ann.