Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Puingean luachmhor do Chounty

  • Air fhoillseachadh
Jordan WhiteTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig Jordan White far na beingidh is thug e buaidh mhòr air a' gheama.

Thog Ross County trì puingean luachmhor nan strì fuireach sa Phrìomh Lìog is iad a' soirbheachadh 2-1 an aghaidh Hamaltan oidhche Chiadain.

Tha seo a' fàgail na Staggies ceithir puingean os cionn Accies aig bonn na lìge.

Bha coltas gealltanach air gnothaichean 'son Hamaltan 'son a' mhòr-chuid den gheama.

'S iadsan a chaidh air thoiseach às dèidh 16 mionaidean nuair a chuir Steafan Kelly aig County am ball dhan lìon aige fhèin.

Ach thàinig am fear-aghaidh ùr aig County, Jordan White, far na beingidh gus an geama a thionndadh.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Billy MacAoidh leis an tadhal a bhuannaich an geama do Chounty.

Cha robh ach naoi mionaidean air fhàgail nuair a stob White a chas a-mach gus oidhirp bho Jason Naismith a stiùireadh dhan lìon.

Ceithir mionaidean às dèidh sin 's e White a chruthaich an tadhal a bhuannaich an geama do Chounty. Bhrist e sìos cliathach na pàirce is sguab e am ball dhan bhocsa far an robh Billy MacAoidh a' feitheamh 'son a losgadh seachad air Fulton eadar na puist do dh'Accies.

Thuirt manaidsear Chounty às dèidh làimh gun robh an sgioba aige airidh air na puingean.

"Bha mi den bheachd gun robh sinn nas fheàrr na Hamaltan tron gheama, ged a chaill sinn tadhal bog, agus ar slighe 'son tacan san dàrna leth", thuirt Iain Hughes.

"Chum sinn a' dol is sheall sinn spiorad is cò fhuair na tadhail dhuinn ach White is Mackay! Bha e sgrìobhte anns na rionnagan", thuirt e.

Cuiridh County a-nise fàilte air Dundee Utd ann an Inbhir Pheofharain Disathairne.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Shane Sutharlannach a fhuair an tadhal a ghlèidh puing do dh'Inbhir Nis.

Bha oidhche car measgaichte aig Caley Thistle san Championship oidhche Chiadain is iad a' crìochnachadh 1-1 an aghaidh Obar Bhrothaig ann am Machair Aonghais.

Chuir Jack Hamilton na Red Lichties air thoiseach dìreach ro leathach-slighe, ach fhreagair Shane Sutharlannach 'son ICT tràth san dàrna leth.

Bha cothroman aig an dà sgioba às dèidh sin, is Kris Doolan a' bualadh a' phuist 'son Obar Bhrothaig anns na mionaidean mu dheireadh.

Tha puing a' togail Inbhir Nis suas dhan t-seachdamh àite san lìog. Bidh cothrom aca an tuilleadh adhartais a dhèanamh anns na seachdainean ri tighinn is iad air nas lugha de gheamaichean a chluich na na sgiobaidhean eile.

Thèid iad an aghaidh Dhùn Dè aig Dens Disathairne.