Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

An Seann Laoch is an Tagraiche Ã’g

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris radio Dhòmhnaill Angaidh.

Ciamar a thòisich thu a' leantainn an NFL?

Ceist a bhios gu leòr de luchd-leantainn a' bhuill-coise Ameirganaich air an taobh seo dhen Chuan Shiar a' faighinn.

Bidh freagairt car eadar-dhealaichte aig a h-uile duine ach cuiridh mi geall gu bheil sgeulachd aca uile.

Mar as trice tha iad eòlach air cuideigin, 's dòcha Ameiriganach, a tha a' leantainn na spòrs, neo ghabh iad turas dha na Stàitean is thòisich iad a' leantainn sgioba a' bhaile anns an robh iad, neo 's dòcha gun do thachair iad air geam is iad air an cois anmoch is gun càil eile air an telebhisean.

Ge brith dè th' ann, tha aon rud a tha gar toirt nas doimhne dhan spors agus 's e sin na sgeulachdan an lùib nan sgiobaidhean.

Sgeulachdan

Nuair a thòisich mi fhèin a' leantainn na Chicago Bears tro charaid o chionn 15 bliadhna, 's e glè bheag de dh'fhios a bh' agam mun deidhinn.

Ach às dèidh dhomh faighinn a-mach mun eachdraidh, an strì aca le na Green Bay Packers, mu na "Monsters of the Midway" a bhuannaich Super Bowl XX agus na cluicheadairean sònraichte a bh' aca leithid "Sweetness" Walter Payton agus William "The Refrigerator" Perry, bha mi air mo bheò-ghlacadh.

Do dh'fhear eile às na h-Eileanan, 's ann air turas-sgoile dha na Stàitean a dh'èirich ùidh sa spòrs.

"Tha ceangal eadar Steòrnabhagh agus Pendleton ann an Carolina a Tuath agus bha cothrom againn a dhol a-null dha na Stàitean Àonaichte nuair a bha mi air an t-siathamh bliadhna sa sgoil," dh'innis Colin George Moireasdan dhomh airson podcast Spòrs Beò.

"Cha robh mi fiù 's air geam fhaicinn air an telebhisean ron sin ach fhuair sinn an cothrom an sgioba colaiste Clemson fhaicinn a' cluich agus 's ann bhon uairsin a thòisich mi a' leantainn na spòrs.

"Chaidh sinn tro Atlanta air ar slighe a Phendleton agus leis gur e am baile sin a' chiad fhear anns an robh mi sna Stàitean thòisich mi a' leantainn na h-Atlanta Falcons.

"A h-uile duine a dh'aithnicheas mise, tha sgeulachd sònraichte, àraid aca air mar a thòisich iad a' leantainn nan sgiobaidhean.

"Mholainn do dhuine sam bith a th' airson ùidh a thogail sa spòrs sgioba a thaghadh agus a leantainn", thuirt e.

Super Bowl

Deagh chomhairle chanainn agus dh'fhaodadh nach eil àm nas fheàrr ann airson sin a dhèanamh leis an Super Bowl ann air an deireadh sheachdain.

Dè mu dheidhinn tòiseachadh air na Tampa Bay Buccaneers a leantainn? Neo na Kansas City Chiefs?

Thèid an dà sgioba sin an aghaidh a chèile sa gheam mhòr oidhche na Sàbaid is cha bheag na stòiridhean a tha na chois.

Air aon taobh tha Quarterback na Buccaneers, Tom Brady.

Tha mòran ga mheas mar a' chluicheadair as fheàrr riamh is e air 6 tiotalan a bhuannachadh.

Bha iad sin uile fhad 's a bha e le na New England Patriots agus an "dynasty" a chruthaich iad an sin.

Am b'urrainn dha bhith soirbheachail aig sgioba eile ge-tà, bha gu leòr a' faighneachd. Uill, tha e air sin an ìre mhath a fhreagairt sa chiad seusan aige le na Bucs.

Là na Sàbaid cluichidh e san deicheamh Super Bowl aige, a' ciallachadh gum bi e air nochdadh san dàrna leth dhe na Super Bowls a th' air a bhith ann bho thòisich e cluich ann an 2001.

Cluicheadair gun choimeas agus cothrom aige cur ris an dìleab sin Là na Sàbaid.

Tùs an deilbh, EPA
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich Tom Brady an Super Bowl le na Patriots ann an 2002, 2004, 2005, 2015, 2017 agus 2019

"Nuair a dh'fhàg Brady an-uiridh, bha daoine dhen bheachd gur e aon dhe na h-adhbharan gun robh e airson feuchainn ri sgioba eile a thoirt chun na Super Bowl às aonais a' choidse a bh' aige le na Patriots, Bill Belichick, airson sealltainn gum b'urrainn dha sin a dhèanamh," thuirt Colin George.

"Ma bhuannaicheas e an seachdamh fàinne cha bhi teagamh sam bith ann gur e an cluicheadair as fheàrr a th' air an spòrs a chluich.

"Tha e dìreach comhurtail is cho misneachail anns na comasan aige fhèin.

"S e aon dhe na h-adhbharan a tha e air a bhith aig an ìre aig a bheil e airson na h-uidhear de dh'ùine, 's e gun urrainn dha pàirtean beaga dhen a gheam aige atharrachadh airson an sgioba eile a mhealladh. Tha fios aige dè na comasan a th' aige, tha fios aige dè na laigsean a th' aige agus tha e gu math comasach air a bhith ag atharrachadh rudan beaga mar sin."

Ach, tha fear òg air an sgioba eile a tha eòlach air soirbheachas sa Super Bowl cuideachd.

Chan eil Quarterback na Chiefs, Patrick Mahomes, air a bhith a' cluich ach airson ceithir bliadhna ach bhuannaich e an Super Bowl an-uiridh agus tha gu leòr ga mheas mar a' chluicheadair as fheàrr a th' ann an-dràsta.

Fear òg, luath, as urrainn a chasan a thuilleadh air a ghàirdean a chleachdadh airson an sgioba aige a ghluasad suas na pàirce.

Às deidh dha na Chiefs a stiùireadh chun an tiotail an-uiridh, tha Mahomes ag amas air an dearbh rud a dhèanamh dà bhliadhna sreath a chèile.

'S e Brady fhèin a rinn sin mu dheireadh le na Patriots ann an 2004-05.

"Tha Brady agus Mahomes mar shamhla air mar a tha an geam air atharrachadh thar nam bliadhnaichean," thuirt Colin George.

"'S e Tom Brady an seòrsa Quarterback air an do dh'fhàs sinn gu math eòlach. Chan eil e ro luath, chan eil e gluasad timcheall na pàirce tòrr, tha e a' fuireach sa phòcaid cùl na loidhne aghaidh agus a' sadail a' bhuill. Tha e uabhasach èifeachdach a thaobh mar a tha e ga ghiùlain fhèin air a' phàirce.

"Niste tha Mahomes gu tur eadar-dhealaichte. Tha sinn a' faicinn stoidhle ùr Quarterback a' tighinn troimhe, leithid e fhèin agus Lamar Jackson aig na Baltimore Ravens. Tha iad luath, 's urrainn dhaibh ruith leis a' bhall iad fhèin, 's urrainn dhaibh sadail a' bhuill fhad 's a tha iad a' ruith.

"Tha uidhir diofar dhòighean as urrainn Mahomes sgioba a ghoirteachadh agus feumaidh loidhne dìon na Bucs a dhol an àrd ìre a bharrachd ma tha iad a' dol a chumail smachd air Mahomes," thuirt e.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Patrick Mahomes a' stiùireadh na Kansas City Chiefs gu tiotal a Super Bowl ann an 2020.

A bheil an cearcall a' dùnadh ma-thà agus am batan gu bhith air a thoirt seachad dhan àth ghinealach?

Neo bheil Tom Brady airson sealltainn dhuinn uile gu bheil bliadhna neo dhà air fhàgail aige fhathast aig mullach na beinne?

Brady an aghaidh Mahomes. An cluicheadair as fheàrr a bh' ann riamh an aghaidh fhear a dh'fhaodadh a bhith cheart cho soirbheachail ris mun àm a chuireas e na pads aige bhuaithe.

Sgeulachd a bhios a' tarraing nam milleanan chun na telebhiseanan aca oidhche na Sàbaid agus ma dh'fhaoidhte an t-adhbhar a thòisicheas cuid a' leantainn na spòrs airson a' chiad uair.