Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Leasan à Maryhill

  • Air fhoillseachadh
Partick ThistleTùs an deilbh, SNS Group
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Partick Thistle droinneadh 5-0 dhan Eaglais Bhric airson tiotal Lig a h-Aon a bhuannachadh.

Cha robh Partick Thistle nan aonar ann a bhith a' faireachdainn dubhach mu chùisean nuair a thàinig cùirtearan an t-saoghail sìos bho chionn beagan is bliadhna.

Chan e saoghal a' bhuill-coise a-mhàin, ach gach pàirt de choimhearsnachd mhic an duine a bha air am fàgail ann an dorchadas, le solas na grèine air falach air cùl àireamhan agus riaghailtean.

Ach 's e rud a th' ann an spòrs a bhios mar as àbhaist a' toirt togail do dhaoine ann an deagh amannan agus ann an droch amannan.

'S beag an t-iongnadh ma-thà gun robh luchd-taic an t-seann chluba a' faireachdainn searbh nuair a dh'fhàs rud a tha an còir toileachas a thoirt do dhaoine a cheart cho dubhach 's a bha an còrr dhen t-saoghal.

As dèidh sabaid mu bhòtaichean, buidhnean Whatsapp agus ceartas aig àm nach robh dad buileach ceart, bha Thistle air an cur sìos gu Lìg a h-Aon agus iad dìreach dà phuing air dheireadh air an sgioba a bha os an cionn anns an Championship le geama a bharrachd ri chluich.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Partick Thistle agus na sgiobaidhean ann an Lìg a h-Aon seachd mìosan às aonais gheam an-uiridh agus bha iad nan tàmh a rithist airson greis aig toiseach na bliadhna.

Lean seachd mìosan anns a phreasa.

Thill Prìomh Lìg na h-Alba a chluich as t-samhradh, ach cha robh cinnt sam bith ann mu lìgichean fon dàrna ìre de bhall-coise na h-Alba tilleadh.

Gu dearbha, cha b' ann chun Dàmhair a thill Thistle chun na pàirce.

Nuair a thill sgioba Ian MhicColla a chluich, cha b' ann mar pheilear a thòisich iad idir.

Thuit Thistle a-mach à buidhnean Cupa Lìg na h-Alba airson a' chiad uair a-riamh, agus iad an uair sin a' call dhà dhe na ciad trì geamannan aca ann an lìg anns nach robh iad fhèin agus an Eaglais Bhreac nan clubaichean làn-ùine.

Ma tha aon leasan ann do chluba a tha air tuiteam bho bhith crìochnachadh anns a' chiad leth dhen Phrìomh Lìg gu Lìg a h-Aon taobh a-staigh trì bliadhna, 's e nach eil e uair sam bith glic a bhith ag ràdh nach urrainn do chùisean fàs na miosa.

Chuirear stad air lìgichean a h-aon agus a dhà a-rìthist san Fhaoilleach air sgàth a phandemic.

Bha Thistle anns a' chòigeamh àite, fada air dheireadh air a' chiad àite agus taobh a-muigh na play-offs.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhàs cùisean na bu shoilleire do Thistle nuair a thill iad a chluich am-bliadhna.

Tha leasan eile ann ge tà.

Cho dorcha 's a dh'fhàsas cùisean, b' fhiach cuimhneachadh air aon phuing.

Chan e rud a th' ann an dorchadas, ach cion solais.

Agus nuair a bha na solais air an lasadh a-rithist aig Firhill agus Lìg a h-Aon a' tilleadh anns a Mhàrt, 's e sgioba eadar-dhealaichte a ghabh chun phàirce.

Cha bhiodh ach ochd geamannan deug, neo 's dòcha dhà thar fhichead geama air an cluich ann an seusan a dh'fheumadh a bhith air a ghiorrachadh, ach bha amas aig Thistle agus slighe airson a ruigsinn.

Chuir cluba Firhill ris an sgioba aca aig an dà cheann.

Thàinig Steven Bell, 36, fear a tha air eòlas gu leòr a chruinneachadh ann an lìgichean na h-Alba - air iasad bho Chille Brìde an Ear airson an loidhne dìon a shocrachadh.

Aig a cheann eile, dh'aontaich Thistle fear beag le casan sgiobalta leis an ainm Scott Tiffoney a thoirt air iasad bho Bhaile Dhùn Lèibhe.

Le Bell ann an meadhan na loidhne dìon, chrìochnaich sgiobaidhean eile gun tadhal airson còig geamannan ann an sreath.

Bha aghaidh na sgioba air a lasadh cuideachd.

Cha do rinn Thistle an gnothach ach air naoi tadhail fhaighinn anns a' chiad deich geamannan aca.

Le Tiffoney ag obair gu math le Zak Rudden agus Brian Graham, fhuair Thistle 29 tadhail anns an ath 11 geama.

Diofar fhaireachdainn mun chluba, agus leis an sin, diofar sgioba an ìre mhath air a' phàirc.

Thog an neach-naideachd seo air solas mar chomharra de dhòchas, agus 's ann fo na solais a thàinig deireadh shona air sgeul Thistle Oidhche Dhiardaoin.

Às dèidh sreath cho làidir de gheamannan bho thill an lìg, agus leis an Eaglais Bhric a' tuiteam sìos anns na seachdainean mu dheireadh, bha Thistle aig mullach na lìg oidhche Dhiardaoin agus iad ceithir puingean air thoiseach air na Bairns.

'S iad an dearbh sgioba sin a bha nan aghaidh aig Firhill oidhche Dhiardaoin.

Cha bhi iad air an cunntais gu h-oifigeil, ach bha luchd-taic na Jags ri am faicinn agus ri an cluinntinn tron gheama agus buidheann mòr dhiubh air an cruinneachadh mun chanàl - oisean a tha tric air a chleachdadh mar 'shuidheachdain an asgaidh' ann an amannan àbhaisteach.

Ma bha iad iomaganach mun gheama, chan fheumadh iad a bhith.

A h-aon, a dhà, a trì. Zak Rudden, Scott Tiffoney agus an uair sin Brian Graham le saighead de dh'oidhirp bho astar.

Aig a' bhristeadh bha an tachartas seo seachad mar fharpais.

Chuir an Greumach tadhal eile seachad air an Eaglais Bhric ron uair, le Joe Cardle a' cur gleans air cùisean le àireamh a còig.

Nuair a chuir an rèidire an fhìdeag ri bhilean, chluinnear fuaim nach eil mòran air cluinntinn thairis air na mìosan fada dhen bhliadhna mu dheireadh.

Èighean luchd-taic a tha a' mìneachadh toileachais tòrr nas èifeachdaiche agus nas fhuamnaiche na b' urrainn do dh'fhaclan sam bith.

Seo cluba a bha air buille às dèidh buille fhuiling thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, ach gu h-àraid bhon a thuit na cùirtearan anns a Mhàrt 2020.

Ach las na Maryhill Magyars coinneal dhaibh p' fhèin airson tiotal Lìg a h-Aon a bhuannachadh.

Bho na bha luchd-taic Thistle ag èigheachd tron oidhche an-raoir, bidh iad an dòchas an Championship a lasadh suas an ath-sheusan cuideachd.