Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Ceum eile gu sàbhailteachd do Ross County

  • Air fhoillseachadh
Ross CountyTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ross County an dòchas fuireach ann am Prìomh Lìg na h-Alba airson bliadhna eile.

Bha tòrr a' crochadh air a' gheama eadar Ross County agus Hamilton Accies ann an Inbhir Pheofharain oidhche Chiadain. Dh'fheumadh na h-aoighean co-dhiù puing fhaighinn airson cothrom a thoirt dhaibh fhèin cur ris na seachd bliadhna a bha iad air cosg ann am Prìomh Lìog na h-Alba.

Thàinig County dhan gheama anns an 10mh àite anns an lìog agus iad trì puingean air thoiseach air Accies aig a' bhonn, ach dìreach aon phuing air thoiseach air Cille Mheàrnaig ann an àite nam play-offs, le uinneag an Championship fhathast a' leigeil gaoth gu math fuar a-steach.

Geama teann

Ma bha na geamannan eile eadar na sgiobaidhean seo anns an lìog air an t-seusan seo ag innse dad, 's e gum biodh cùisean gu math teann. Bhuannaich County air an dà thuras acasan a chluich an aghaidh Accies ann an Siorrachd Lannraig, ach 's iad Hamilton a thog na puingean air an turas mu dheireadh aca air falbh bhon taigh an aghaidh na Staggies.

Tha fios gun do dh'fhàs gèile an dàrna ìre na b'fhuaimnaiche agus na b'fhuaire do dh'Iain Hughes agus an sgioba aige às dèidh beagan agus fichead mionaid. Le slaic bho chas chlì, chuir Scott McCann gillean Brian Rice air thoiseach. An robh Hamilton a' dol a dhèanamh an gnothach air cur ris na h-amannan a bha iad air sreap gu sàbhailteachd thar nam bliadhnaichean?

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iain Hughes air County a thoirt than 10mh àite anns an lìog.

Ma bha, dh'fheumadh iad fuireach nan dùisg airson còrr agus dà mhionaid - an dearbh rud nach do rinn iad às dèidh dhaibh a dhol air thoiseach. Leis a sin, shlaod Blair Spittal County air ais dhan gheama le oidhirp chumhachdach le chas cheart. Aon gu h-aon lethach tron chiad leth, agus a h-uile càil fhathast ri bhuannachadh agus ri chall.

Lean cothroman dhan dà thaobh ann an geama anns am biodh an sgioba a b'fheàrr a dhèiligeadh ri suidheachadh iomaigeanach a' togail nam puingean. Le fichead mionaid ri dhol, nochd Charlie Lakin aig oir a' bhocsa agus stiùir esan oidhirp seachad air Kyle Gourlay aig na h-aoighean.

Aon gheama ri dhol

'S ann le dà thadhal gu h-aon do County a chrìochnaich cùisean, agus leis a sin Ross County a-nis cinnteach nach tuit iad gu dìreach dhan Championship agus iad sia puingean air thoiseach air Hamilton le dìreach aon gheama ri dhol.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach cùisean le Brian Rice agus Hamilton Accies.

Chan eil àite Ross County ann an Prìomh Lìog na h-Alba cinnteach fhathast ge-tà. Tha sgioba Iain Hughes trì puingean air thoiseach air Cille Mheàrnaig a thog puing an aghaidh St Mirren oidhche Chiadain.

Cluichidh County air falbh bhon taigh an aghaidh Tobar na Màthar anns a' gheama mu dheireadh aca, ach tha fios gum bi iad a' cumail sùil air na bhios Cille Mheàrnaig ris an aghaidh…Hamilton Accies.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

‘S iad Cille Mheàrnaig an aon sgioba as urrainn County a ghlacadh a-nis.

Feumaidh Accies naoi tadhal a chur seachad air Killie airson sreap bhon bhonn. Dùbhlan do-dhèanta a chanadh gliocas gnàthach a' bhuill-coise. Ach an turas mu dheireadh a dh'fheumadh Accies na tha sin de thadhail fhaighinn ann an geama, rinn iad an gnothach air - a' buannachadh 10-2 an aghaidh Morton ann an 2014.

Bidh County an dòchas an leithid de thaisbeanadh bho Accies fhaicinn a-rìthist aig an deireadh sheachdain. Bidh iad riaraichte nach robh an leithid ri fhaicinn oidhche Chiadain.