Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Malky MacAoidh air a dhearbhadh mar mhanaidsear ùr Ross County

  • Air fhoillseachadh
MM
Fo-thiotal an deilbh,

Malky MacAoidh (ann am meadhan an deilbh)

Chaidh Malky MacAoidh ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County Diciadain.

Chan eil MacAoidh air bhith os cionn sgioba bho chaill e obair aig Wigan anns a' Ghiblean 2015.

Tha MacAoidh air ceithir bliadhna a chur seachad mar Stiùiriche a' bhuill-coise aig Comann Ball-coise na h-Alba.

Bha e na mhanaidsear air Watford, Cardiff City agus air Wigan Athletic.

Fhad's a bha e aig Cardiff City, fhuair iad gu cuairt-dheireannach Cupa na Lìg airson a' chiad uair a-riamh nan eachdraidh agus thug e iad chun a' Phrìomh Lìg.

Na òige, chluich e aig Queen's Park, Celtic agus Norwich City.

Thuirt Ross County gu robh iad air fhastadh air sgàth an eòlais aige agus na sgilean riatanach ceannais aige le fìor dheagh eòlas air a'gheama.

Thuirt na Staggies gur e toiseach caibideil ùir a bha seo don chluba.

Tha cuid de luchd-leantainn na sgioba mì-thoilichte gun deach MacAoidh fhastadh.

Bha connspaid ga chuairteachadh agus bha an FA ga rannsachadh air casaidean gun do chuir e teachdaireachdan gràinn-cinnidh, an aghaidh bhoireannaich agus daoine gèidh gu charaid Iain Moody fhad's a bha an dithis aig Cardiff City.

Roghnaich an FA anns an Iuchair 2015 gun càil a dhèanamh nan aghaidh.

Thuirt àrd-stiùiriche County Steven Fearghasdan gu robh làn fhios aig a h-uile duine mu eachdraidh MhicAoidh agus chuir e ìmpidh air an luchd leantainn a bhith foighidneach agus cothrom a thoirt dhan mhanaidsear e fhèin a dhearbhadh air dè a nì e an àite dè a rinn e.