Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Cha tèid Pàirc a' Chlaiginn a chleachdadh air an t-seusan seo

  • Air fhoillseachadh
Pàirc a' Chlaiginn

Thàinig e am bàrr gum bi aig sgioba a' Ghearasdain ris na geamaichean aca air fad air an t-seusan seo a chluich air falbh bhon taigh.

Tha seo ri linn thrioblaidean le drèanadh aig Pàirc a' Chlaiginn.

Tha trioblaidean air a bhith aca leis a' phàirce fad bhliadhaichean is geamaichean tric air an cur dheth.

Tha e air a-nise am bàrr gun do rinn cuideiginn bhon phoball gearan ri Lìog na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh mu staid na pàirce.

Chaidh sgrùdadh a chur air dòigh a fhuair nach robh Pàirc a' Chlaiginn aig ìre.

Riaghailtean

Dh'aidich an Gearasdan aig coinneimh às dèidh làimhe gun robh iad air riaghailtean na lìge a bhristeadh a thaobh is nach robh siostam drèanaidh ceart is èifeachdach aca.

Bha dragh ann cuideachd nach robh an cluba fhèin air innse dha Lìog na Gàidhealtachd mu na trioblaidean.

Chaidh co-dhùnadh gun cluich an sgioba a h-uile geama ann an Lìog na Gàidhealtachd is Cupa na Lìge air an t-seusan seo aig dachaigh na sgioba a tha iad a' cluich.

'S e buille ionmhais a bhios ann dhan chlub, ach cuideachd na buille aig àm nuair a tha siostam pioramaid air tòiseachadh is e a-nis comasach dhan sgioba a bhios aig bonn Lìog na Gàidhealtachd tuiteam gu lìog nas ìosaile.