Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Sia làithean deug gu na Stàitean Aonaichte

  • Air fhoillseachadh
Erie CommodoresTùs an deilbh, Calum MacFhearghais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Calum a' cluiche dha na h-Erie Commodores

Dh'fhàg an SS Metagama Steòrnabhagh air an 21mh den Ghiblean 1923. A' siubhal à Alba gu Canada an Ear le 300 Leòdhasach òg air bòrd, air an t-slighe gu tuathanasan ann an Ontario. Nam measg na bh' air bòrd bha Murchadh "Theàrlach" MacPharlain, mo shinn-sheanair.

Bha am bàta a' siubhal gu Montreal ach air sgàth 's gun robh deigh ann, ràinig iad St John, New Brunswick, an dèidh 11 là aig muir. Chaidh Murchadh agus na Leòdhasaich eile air bòrd trèana mhòir a bha a' siubhal tarsainn Canada chun an tuathanais ann an Ontario. Gun ach corra chanastair de bhiadh a bha e a' giùlain còmhla ris, ràinig e an tuathanas aige agus leum e a-mach airson beatha ùr a thòiseachadh.

Ach cha robh cùisean mar a bha na Leòdhasaich an dùil, obair chruaidh agus làithean fada, aonaranach. An dèidh beagan ùine is còmhraidh tro litrichean còmhla ri balaich eile à Leòdhas a bha ag obair air an tuathanas shìos an rathad, ruith iad air falbh. Chuala iad gun robh coimhearsnachd de Leòdhasaich agus obair mhath anns na Stàitean, agus mar sin rinn iad air a' chrìch.

Niagara Falls - Crìochan Canada/ na Stàitean Aonaichte, 1924.

Dh'aontaich iad a dhol tarsainn na crìche far an robh Niagara Falls a' coinneachadh ri Lake Ontario agus Lake Erie. Leis a h-uile sgillinn a bh' aige cheannaich Murchadh deise aodaich is tàidh-bogha, cha robh aige ach an t-aodach anns an robh e na sheasamh. Ach a' coimhead gu math snasail, dh'innis e dha na h-Aimeireaganaich aig a' chrìch gun robh e a' dol gu dannsa thairis air an uisge agus gum biodh e air ais an oidhche sin. Dìreach mar sin sheòil e a-steach gu na Stàitean agus rinn e air Detroit.

Fhuair e obair anns a' bhaile mhòr mar chlachair, agus thurchair gun robh balach eile à Leòdhas ag obair air an aon ionad. Fhuair an dithis aca obair an dèidh seo air a' Fisher Building, togalach agus pròiseact gu math ainmeil san sgìre. Sgrìobh Murchadh agus sia balaich eile à Leòdhas ciad litrichean nan ainmean aca aig mullach an togalaich, far a bheil iad fhathast chun an là an-diugh.

Innisfill, Ontario - 22na den Chèitean 2021

Bha mi fortanach gu leòr gun robh basement aig an agent bhall-coise Èireannach agam. Tha e a' fuireach ann an Innisfill, Ontario, agus seo an dachaigh a bhiodh agam airson an 11 là ri thighinn mar phàirt de 14 là cuarantain agam. Fhuair mi a-mach gun robh Innisfill a' tighinn bhon t-seann Ghaeilge, "Inis Fáil" - a' ciallachadh "Eilean an Dàin" agus mar sin bha mi a' faireachdainn aig an taigh san àite-còmhnaidh seo.

Bha mi a' cumail trang le 'home workouts' agus obair air an laptop agam ach bha na làithean fada is mì-nàdarrach. Air an ochdamh là bha deuchainn COVID agam ri dhèanamh aig an taigh agus thainig toradh eile Negative air ais. Fìor dheagh naidheachd oir bha seo a' ciallachadh gun robh mi saor siubhal gu na Stàitean às dèidh 14 là! Ach cha robh na riaghailtean COVID-19 deiseil leam... fhuair mi fios gum biodh na Poilis a' tadhal, is iad a' dèanamh sgrùdaidh thuaireamaich air daoine a bh' ann an cuarantain.

97 bliadhna às dèidh làimh... Niagara Falls, Diciadain 1d an Òg-Mhios 2021.

Tùs an deilbh, Calum MacFhearghais

Bha mo chridhe a' bualadh a' coiseachd tarsainn air "Rainbow Bridge" aig Niagara Falls, ceas ann an gach làimh agus poca-droma ri mo dhruim. Cha robh duine sam bith eile air an drochaid ach mi fhèin, a' coimhead sìos air culaidh-iongantais an t-saoghail. Bha an t-uisge a' tuiteam thairis air an eas, agus bha mi fhèin a' faighinn deiseil airson leum a' bhradain agam fhèin. Stad mi am meadhan na drochaid, air aon taobh bha Canada agus air mo thaobh eile na Stàitean Aonaichte.

Dh'fhàg mi Alba air an 19mh den Chèitean 2021 a' siubhal bho phort-adhair Ghlaschu, sìos a Lunnainn agus tarsainn gu Toronto ann an Canada. Cha robh an eadraigin cho duilich dhomhsa, ao-coltach ri mo Shinn-Sheanair o chionn faisg air ceud bliadhna. An teis-mheadhan a' Phandemic bha cead siubhail agam airson tilleadh a dh'obair mar chluichaidear ball-coise anns na Stàitean.

Tha riaghailtean siubhail cruaidh ann eadar Aimeireaga a Tuath agus An Roinn-Eòrpa ach air sgàth nan ceanglaichean teaghlaich agam ri Canada, tha cead-siubhail Canadianach agam. Mar seo bha e na b' fhasa siubhail a-null gu Canada an toiseach agus an uair sin sìos gu na Stàitean.

Nuair a ràinig mi talamh Canada bha e coltach ri Iomairt Airm: pàipearan, fianais air siubhal deatamach, dearbhadh nach robh Covid orm mus do dh'fhàg mi, dearbhadh nach robh Covid orm nuair a ràinig mi, agus às dèidh sin air falbh gu taigh-òsta chuarantain fo sgeama riaghaltais. Chan eil guth ri ràdh mu dheidhinn a' champa-phrìosain seo, ach gu fortanach fhuair mi dearbhadh nach robh Covid orm nuair a ràinig mi air an 3mh là, agus bha mi saor airson crìoch a chur air mi fhìn a chumail fa-leth bho dhaoine eile aig àite iomchaidh.

Niagara Falls - Crìoch na Stàitean Aonaichte / Canada

Tùs an deilbh, Calum MacFhearghais

Is dìreach mar sin bha mi an seo a-nist a' coiseachd air falbh bho an 14 là ro-uallaich a bha agam air ais ann an Canada agus a' gluasad air adhart chun a' chothroim ùir a bh' agam anns na Stàitean. Ach bha beachd eadar-dhealaichte aig an t-saoghal air mo shon.

Nuair a ràinig mi Crìoch nan Stàitean Aonaichte - tro gheata - dh'iarr iad orm na pàipearan siubhail riatanach agus dearbhadh air mo chosnadh a thoirt seachad. Às dèidh mionaid neo dhà thuirt iad gun robh cead agam siubhal a-steach gu na Stàitean, ach gun robh feum agam siubhal a-steach bhon phort-adhair!

Dh'innis iad dhomh gun robh na riaghailtean air atharrachadh airson na crìche talamhainn agus na crìche adhair - a-nis bha a' chrìoch thalamhainn fosgailte airson adhbharan meadaigeach a-mhàin. Mar seo cha robh e comasach coiseachd a-steach air talamh an-dràsta le na riaghailtean ùra.

Air mo nàireachadh b' fheudar dhomh coiseachd air ais gu far an do thòisich mi, thairis air an drochaid gu taobh Canada, ach bha fhathast crathadh eile romham!

Nuair a thill mi dh'innis mi gu na h-ùghdarrasan crìche Canadianach na thuirt na h- Aimeireaganaich, agus gu neo-chreidsinneach thuirt iad rium gun robh a-nis feum agam 14 là eile de chuarantain a dhèanamh, agus barrachd dheuchainnean! Cha robh mi idir a' creidsinn na bha a' tachairt... cha do dh'fhàg mi an dùthaich gu h-oifigeil agus cha robh duine sam bith eile air an drochaid ach mi fhìn. Ach bha iad deimhinnte às nach robh mi a' faighinn air ais a-steach gun chuarantain ùr agus deuchainn eile - no bhithinn glaiste ann an NO MANS LAND!

Ghabh mi ris, agus chaidh mi airson deuchainn ùir aig a' champa mheadaigeach a bha dìreach ri taobh ionad na crìche. An seo dh'innis mi dha na h-ùghdarrasan slàinte mu na chaidh ceàrr, agus thuirt iad gun robh seo gun chiall. Bha iadsan gu math feumail. Dh' innis iad dhomh mu dheidhinn faothachadh bho chuarantain, agus gum feumainn fonadh dhan riaghaltas. Bha dòchas agam fhathast!

Dihaoine an 4mh den Ã’gmhios 2021. Toronto - Detroit.

A' smaoineachadh air ais air an 16 là seo, abair turas agus abair gum bi sgeulachd neo dhà agam dhan teaghlach. Gu fortanach às dèidh a' bhristeadh dùil agam aig Niagara Falls bha là neo dhà agam air a' fòn le riaghlatas agus ùghdarras chrìochan Chanada, is fhuair mi faothachadh bho chuarantain.

Tùs an deilbh, Calum MacFhearghais

Chaill mi a-mach air a' chiad dà gheama den t-seasan aig an sgioba ùr agam anns na Stàitean, ach bha mi dìreach a' faireachdainn fortanach gun robh mi, a-nis, air an t-slighe gu na Stàitean. Cha robh trioblaid sam bith agam aig seirbheis na cusbainn Aimeireaganaich aig Port-adhair Thoronto, agus bha mi a-nis 30,000 troigh san adhar a' siubhal gu ruige Detroit. An uairsin Detroit gu Cleveland agus bhon sin gu Erie agus an sgioba ùr agam - Erie Commodores.

A' coimhead a-mach air an uinneig bha mi a' faicinn Lake Erie a' sruthadh a-steach dhan abhainn a tha a' ruith tro bhaile mòr Detroit. A soillseachadh nan speuran bha an Togalach Fisher. Shìos an sin air mullach an togalaich bha na h-ainmean aig an t-sianar Leòdhasach agus thàinig gàire gu m' aodann. Bha pròis orm, agus cha b' urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh ... an dùil am biodh e na bu shìmplidh faighinn tarsainn aig Niagra Falls nan robh mi air tàidh-bogha a chur orm?