Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

County fhathast aig a' bhonn

  • Air fhoillseachadh
Richard Tait agus Dominic SamuelTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Richard Tait aig St Mirren agus Dominic Samuel aig County.

Tha Ross County fhathast aig bonn na Prìomh Lìge ged a thog iad puing ann am Pàislig oidhche Chiadain.

Bha piseach air tighinn air County anns na seachdainean mu dheireadh is thòisich iad gu math an aghaidh St Mirren le cothroman tràth aig Blair Spittal, Harry Paton is Dominic Samuel.

Ghabh na Buddies smachd air cùisean mar a chaidh an geama air adhart ge-tà, is bha County fo uallach san dàrna leth gu sònraichte.

Bha sgioba Inbhir Pheofharain taingeil gun robh Ashley Maynard-Brewer ann an sunnd eadar na puist is sreath de shàbhalaidhean aige.

Is bha cothrom aca fhèin na puingean a ghoid aig deireadh na h-oidhche is David Cancola le oidhirp anns na mionaidean mu dheireadh.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Connor Ronan aig St Mirren às dèidh dha cothrom a chall.

Chrìochnaich an geama 0-0 is ged a tha County fhathast aig a' bhonn, tha iad puing nas fhaisge air Baile Dhùn Lèibhe, a chaill 2-0 ri Obar Dheathain.

"Shaoil mi gur e geama air leth a bh' ann. Sa chiad leth bha dhà no trì cothroman fìor mhath againn", thuirt manaidsear Chounty, Malky MacAoidh.

"Cha do chaill sinn tadhal, chan eil sinn air call ach aona gheama ann an còig a-nise, is tha e gar cumail faisg air a h-uile duine eile.

"'S e th' againn an seo buidheann de ghaisgich a tha a' sabaid a h-uile seachdain", thuirt e.

Bidh County a-nise an aghaidh St Johnstone aig Pàirc MhicDhiarmaid Disathairne.

Thèid iad co-ionnan ri sgioba Pheairt san lìog ma nì iad an gnothach sa gheama sin.