Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Sgrùdadh mu ghràin-chreideimh aig County

  • Air fhoillseachadh
CountyTùs an deilbh, SNS

Tha Ross County air dol a-mach a bha stèidhichte air gràin-chreideimh le cuid dhen luchd-leantainn aca a chàineadh às dèidh dhaibh call ri Celtic an Inbhir Pheotharain tron t-seachdain.

Gheall iad dèiligeadh gu cruaidh ris an fheadhainn a bh' air a chùlaibh.

Thòisich cluba Inbhir Pheotharain sgrùdadh agus dh'innis iad dha na poilis mu na thachair.

Tadhal aig an fhìor dheireadh

Nochd a' ghràin-chreideimh à earrann seinne Ross County às dèidh do dh'Anthony Ralston an tadhal a bhuannach an gèam 2-1 dha Celtic fhaighinn anns an 97mh mionaid.

Dh'iarr County air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur chun chluba.

Tha Poileas Alba mu thràth a' sgrùdadh mhì-rian aig a' ghèam às dèidh do chuid dhen luchd-leantainn aig Celtic a dhol air a' phàirc às dèidh tadhal Ralston.

Duine ga chur an grèim

Chaidh fireannach 32 bliadhna a dh'aois a chur an grèim.

Bhris stiùbhart caol-dùirn anns an aimhreit, a-rèir mhanaidsear Ross County, Malky MacAoidh.