Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Dragh mu ghainnead bìdhe ùir an Uibhist is Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig

Tha dragh ann an Uibhist is Barraigh gu bheil cho cugallach 's a tha seirbheis nan aiseagan air a bhith bho chionn ghoirid a' fàgail gainnead bìdh ùir sna bùithdean.

Tha droch aimsir air a bhith a' toirt buaidh air na h-aiseagan, a thuilleadh air riaghailtean Covid agus soithichean a bhith briste.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi seòladh eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail Diardaoin, 's gu bheil iad a' coimhead ri plana airson Dihaoine.

"Tha sinn air a bhith a' toirt rabhaidh dhaibh o chionn ùine mhòir gum faodadh seo tachairt," thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

Eaconomaidh

"Agus tha e air tachairt gu math nas sgiobalta na bha dùil againn.

"Ach tha e a' sealltainn na laigse a th' anns an t-seirbheis a th' ann.

"Eadar Covid, trioblaidean teicnigeach agus an t-sìde fhèin, tha e uile a' tighinn còmhla aig an àm seo, agus tha duilgheadas mòr againn.

"Ach feumaidh mi a ràdh, thairis air an ath dhà no trì bhliadhnaichean, chan eil mi a' faicinn faothachadh sam bith a' tighinn air an dol air adhart a tha seo.

Cabhag

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum an Riaghaltas fhèin cabhag a dhèanamh air aiseagan fhaighinn a-steach dhan lìonra aca.

"Tha iad a' cumail ris an aon chlàr-ama fhathast leis a' Ghlen Sannox a tha sin airson an t-Samhraidh seo, ach tha mì-chinnt timcheall air sin fhèin, agus tha dùil againn air an ath-mhìos gun tig cùmhnant a-mach airson an dà aiseag ùr.

"Ach tha a h-uile dad dheth sin bliadhnaichean air falbh agus ma tha sinn a' dol a dh'fhulaing rudan mar a tha a' tachairt an-dràsta san ath dhà no trì bhliadhnaichean, tha e gus a bhith uabhasach trom air an eaconomaidh ann an seo," thuirt e.