Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

'Laoich chalma' Shrath Chura gus tilleadh dhan phàirce

  • Air fhoillseachadh
Caol Bhòid is Srath Chura 1983Tùs an deilbh, Tasglann Dhòmhnaill MhicAoidh/Ùisdean MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Nàbaidhean à Comhghall, Caol Bhòid is Srath Chura, sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 1983.

Thàinig guth aithnichte Dhàibhidh Francey nach maireann tarsainn an wireless bhon Ghearasdan le naidheachd a chuireadh fiù 's Beinn Nibheis na crith.

"Can we see before our very eyes here at Claggan Park shinty history in the making", dh'innis Francey, is Srath Chura air a dhol 2-1 air thoiseach an aghaidh nan nàbaidhean cliùteach aca Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 1983.

'S e briseadh-cridhe a bha an dàn do Shrath Chura air a' cheann thall. Air ais gun tàinig Caol Bhòid le dà thadhal anns na trì mionaidean mu dheireadh. Chaidh an cupa air ais a Thaigh na Bruaich uair eile. "Oh dear, oh dear!" mar a bhiodh Francey ag ràdh. Cha robh Srath Chura a-riamh cho faisg air prìomh dhuais na h-iomain.

Tùs an deilbh, Tasglann Dhòmhnaill MhicAoidh/Ùisdean MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Caol Bhòid is Srath Chura a' strì aig Pàirc a' Chlaiginn.

"Tha e goirt fhathast", tha cathraiche Shrath Chura, Cailean Camshron, ag aideachadh. Bha an Camshronach fhèin na chnapach, 15 bliadhna a dh'aois, aig an àm agus chluich e san iar-chuairt dheireannaich nuair a chuir Srath Chura an ceòl air feadh na fìdhle le Baile Ùr an t-Slèibh a chur a-mach às an fharpais.

Cha do dh'fhalbh am pian buileach, ach an cois sin tha moit cuideachd. Oir cha robh duine seachad air bruaichean Loch Fìne den bheachd gum biodh Srath Chura sa chiad chuairt dheireannaich fhosgailte de Chupa na Camanachd.

"Chan e a-mhàin gur e cuairt dheireannach eadar dà sgioba bho dheas a bh' ann, rud ris nach robh dùil", tha Cailean ag innse, "ach cuairt dheireannach eadar dà sgioba às Earra-Ghàidheal. Is a thuilleadh air sin, dà sgioba à Comhghall. Chan eil mi a' smaointinn gun tachair sin a chaoidh tuilleadh", thuirt e.

Tùs an deilbh, Comann Eachdraidh Sgìre Shrath Chura
Fo-thiotal an deilbh,

Tha eachdraidh sgioba Shrath Chura a' dol air ais gu 1879. Seo sgioba a riochdaich am baile ann an 1908.

Is ged a chaill iad ann an 1983, thog Srath Chura Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu ann an 1982 is 1985, làithean buidhe ann an eachdraidh chluba a tha a' dol cho fada air ais ri 1879.

Na bu thràithe san 19mh Linn, thug iomain air bàrd à Comhghall dham b' ainm Crawford peann a chur ri pàipear ann an 'Sheas mi car tamuill': Laoich chalma len camain, Gan dearbhadh 's gach bealach, Laoich eutrom 's na caraibh, Mar cheathach nan stùc.

Cha chùm traidisean, dualchas is moit a-mhàin coimhearsnachd beò, is tha Srath Chura gu ìre mar shamla air a' Ghàidhealtachd gu lèir anns na dùbhlain a tha mu coinneimh.

Tùs an deilbh, Tasglann Dhòmhnaill MhicAoidh/Ùisdean MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Cupa na Camanachd gu Taigh na Bruaich ann an 1983 ach bha sàr chluicheadair an là aig Srath Chùra ann an deugaire Eòghan MacPheadrais.

Tha trioblaidean leantainneach le maoimtean-slèibhe air an A83 aig an Rest and Be Thankful ro thric ga gearradh dheth, is chan eil Comhghall gu tur air a dhìon nas motha bho staing mhòr nan aiseagan a tha a' sìor thoirt buaidh air costa siar na h-Alba.

Aig cnag na cùise ge-tà, tha taigheadeas, is gainnead thaighean aig prìs reusanta a' fàgail gu bheil e cianail doirbh do dh'òigridh an àite fuireach san sgìre. Feumaidh fiù 's laoich chalma dachaighean anns am fuirich iad.

"Tha prìsean thaighean air a dhol às an ciall san 20 no 30 bliadhna mu dheireadh is tha e air daoine ionadail a ghlasadh a-mach às a' mhargaidh", dh'innis Cailean Camshron. "Duine sam bith a bha 'son fuireach, cha robh e tric comasach dhaibh sin a dhèanamh is taighean sam bith aig prìs reusanta a thàinig air a' mhargaidh, bha iad gann is ceist ann an robh a' phrìs dha-rìribh reusanta cuideachd".

Tùs an deilbh, Comann Eachdraidh Sgìre Shrath Chura
Fo-thiotal an deilbh,

Cluicheadairean iomain à Srath Chura anns na làithean a dh'fhalbh air an t-seann phàirc aig Taigh Mòr Shrath Chura.

"Tha atharraichean a dh'fhaodadh a bhith air tachairt co-dhiù air tighinn oirnn gu math luath agus tha e gar fàgail le sluagh mòr de dhaoine a tha air na dreuchdan aca a leigeil seachad agus dàrna dachaighean.

"Chan eil coire sam bith air daoine a tha a' reic no a' ceannach thaighean ach tha buaidh mhòr air coimhearsnachdan", thuirt e.

Bho bhliadhnaichean òra nan 80an, fhuair Srath Chura iad fhèin ann an cruaidh-chàs sgioba a chur air a' phàirce idir.

Às dèidh oidhirp mhòir choimhearsnachd, dh'fhosgail pàirce iomain ùr àlainn aig Srath Chura Mòr ann an 2012. Ann an ùine nach robh ro fhada, cha robh sgioba aca a chluicheadh oirre.

Tùs an deilbh, Cailean Camshron
Fo-thiotal an deilbh,

Tha fear de na goireasan as fheàrr ann an iomain aig Srath Chura Mòr, is gun sgioba aca anns na bliadhnaichean mu dheireadh a chluicheadh air.

Thog am fear-naidheachd is sgrìobhaidear iomain Roger Hutchinson grunn thursan thar nam bliadhnaichean air deuchainn air slàinte coimhearsnachd: an robh e comasach sgioba iomain no ball-coise a bhith aca. 'S e deuchainn a tha sin a tha Srath Chura air fàiligeadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Ach nuair a thòisicheas seusan ùr iomain nam fear Disathairne, bidh ainm Shrath Chura air ais air clàr nan geamaichean, ged a bhios iad ann an riochd ùr. Tha Srath Chura air a dhol còmhla ri Dùn Omhain, cluba gu math nas òige ach fear eile a tha a' strì iad fhèin sgioba a chur air a' phàirce.

Cluichidh sgioba ùr 'Srath Chura - Dùn Omhain' geamaichean san dà àite is iad ag amas air slighe do dh'iomain nan inbheach a stèidheachadh do dh'òigridh anns gach coimhearsnachd. Dh'fhaodadh gun tig an là is gun gabh na clubaichean an rathad aca fhèin às ùr. An-dràsta ge-tà, tha iad a' coimhead air seo mar dhòigh chiallach air iomain a thoirt air ais. "Tha an traidisean againn is chan eil na h-àireamhan agus Dùn Omhain, tha àireamhan aca gun an traidisean", tha Cailean ag ràdh.

Tùs an deilbh, Tasglann Dhòmhnaill MhicAoidh/Ùisdean MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Bithear a' cuimhneachadh air làithean buidhe Shrath Chura nuair a thilleas sgioba a' bhaile chun na pàirce.

Tha miann co-dhiù ann cuideachd sgioba nam ban aig Comhghall is Bòd, a tha air ais ann an trèanadh ach nach do chluich geama farpaiseach bho thòisich am pandemic, a thoirt a-steach fon bhratach ùr uaireigin.

Cha mhòr 40 bliadhna bho bhriseadh-cridhe Chupa na Camanachd ann an 1983, bidh moit ann às ùr am-bliadhna nuair a thèid Srath Chura - Dùn Omhain air a' phàirc aig Srath Chura Mòr, ged tachair sin a-nise Disathairne fhèin is an geama an aghaidh Uddingston air a chur dheth.

Bidh na dùbhlain far na pàirce ann fhathast ach thathas a' coimhead ri seo mar cheum air adhart agus togail mòr dhan dà choimhearsnachd. "Tha daoine ga ionndrainn", thuirt Cailean. "Dhomhsa chan e Disathairne a th' ann às aonais na h-iomain".

Tha fios gum biodh am bàrd Crawford, a thug gu ceann a chuid bàrdachd le moladh air an "dualas a lean ribh" is a bhiodh "Nis leanachd rin àl", air a dhòigh le sin.

Gheibhear am fiosrachadh air fad mun t-seusan ùr ann an iomain nam ban is nam fear