Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Rangers an aghaidh Braga : Cairteal Chuairt Dheireannach Lìog Europa

  • Air fhoillseachadh
Giovanni Van BronckhorstTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich Giovanni Van Bronckhorst le Rangers 4 mìosan air ais.

Choisinn Rangers àite ann an cairteal chuairt dheireannach an Europa Lìog oidhche Dhiardaoin an aghaidh Red Star Belgrade.

Bha sgioba Giovanni Van Bronckhorst trì tadhail air thoiseach às dèidh a' chiad cheum an aghaidh Belgrade aig Ibrox ach cha robh cùisean seachad is bha cothrom ann fhathast dhan an sgioba à Serbia san dàrna ceum aig Pàirce Rajko Mitić.

A dh'aindeoin 's gun do chuir Mirko Ivanic tadhal tràth agus gun do bhuail Ben Nabouhane breap-pheanais seachad air Ailean MacGriogair, 'se Rangers a shoirbhich thairis air an dà cheum le sgòr 4-2.

A-nis, tha dùbhlan ro Rangers nuair a chluicheas iad Braga san cairteal chuairt dheireannach.

Agus tha beachd aig an dà sgioba air dè seòrsa geama a tha gu bhith ann air an 7mh Giblean.

B' e ann an 2020 an turas mu dheireadh a choinnich na sgiobaidhean san 32 mu dheireadh de Lìog Europa .

Uair a shìde a-steach dhan a' gheama, bha Rangers 2-0 air dheireadh aig Ibrox agus coltas gum biodh geama gu math doirbh aca san ath-cheum thall ann am Portagail.

Ach chùm cluicheadairean Steven Gerrard a bha os cionn an sgiobaig aig an àm, orra agus le dà thadhal bho Ianis Hagi agus tadhal sgiobalta le Joe Aribo, bha na Gers air thòiseach a-rithist.

San dàrna ceum, cha robh ach aon tadhal a dhìth bho Ryan Kent gus faighinn dhan an ath chuairt.

'S e briseadh dùil a bh' ann dhaibh sna geamaichean sin ge-ta, is an sgioba Gearmailteach, Bayer Leverkusen a' dèanamh a chùis orra thairis air an dà cheum, a dh' aindeoin 's nach do chaill Rangers geama Eòrpaich aig Ibrox anns na 18 geamaichean ron a sin.

Ge-tà, tha cothrom aca am-bliadhna a bhith soirbheachail san Roinn Eòrpa às dèidh dhan an luchd-taic aca feitheamh grunn bhliadhnaichean airson an dearbh rud fhaicinn.