Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Deireadh-seachdain làn thadhal san SWPL ach Rangers fhathast aig a' mhullach

  • Air fhoillseachadh

Chuir Glasgow City agus Rangers dusan tadhal sna geamaichean aca an aghaidh Hamaltan agus Hearts Didòmhnaich, 's an dà sgioba a' sabaid an-dràsta aig mullach Prìomh Lìog Alba nam Ban.

'S e Glasgow City a thòisich cùisean Didòmhnaich is iad a' cur fàilte air Hamaltan - sgioba a tha a' strì aig bonn na lìge gun ach 6 puingean gu ruige seo.

Às dèidh droch-ionnsaigh air Priscila Chinchillaann am bogsa Hamaltan, bha cothrom aig Mairead Fulton Glasgow City a chuir air thoiseach, agus sin a rinn i le ochd mionaidean air a' chleoc.

Cha mhòr nach do dh'fhalbh dà mhionaid nuair a dhùblaich Tylar Dodds an sgòr le tadhal sònraichte math bho thaobh a deas na pàirce.

Chruthaich Kerry Beattie agus Clare Shine cothrom do Hayley Lauder trì mionaidean às dèidh sin is i a' cur a' bhuill seachad air an neach-glèidhidh aig Hamaltan, Jeni Currie gu sgiobalta.

Chuir City trì tadhail a bharrachd san dàrna-leth airson trì puingean a chosnadh agus an dòchas aca an lìog a bhuannachadh a chumail beò.

A dh'aindeoin oidhirpean City na bu thràithe san là fhaighinn air thoiseach air Rangers san lìog, rinn sgioba Mhalky Thomson cinnteach gur iadsan a chrìochnaich an là le barrachd phuingean.

Bha an aon dhìcheall aig Rangers sa chiad leth an aghaidh Hearts, is iad trì tadhail air thoiseach taobh a-staigh 22 mhionaid.

Bhuail Megan Bell, Lizzie Arnot agus Brogan Hay trì tadhail a bharrachd san dàrna-leth - a' ciallachadh gun do chrìochnaich iad 6-0 cuideachd, agus dà phuing air thoiseach air City.

Chluich Celtic an aghaidh Hibs Disathairne aig Pàirce Celtic far an do chluich sgioba Fran Alonso gu làidir airson a' chùis a dhèanamh air an sgioba à Dùn Èideann 4-0.

Chrìochnaich an geama eadar Obar Dheathain agus Spartans co-ionnan le tadhal an urra bho Bayley Hutchison agus Robyn McCafferty.

Ged a bha Tobar na Màthar dà thadhal air dheireadh air Partick Thistle, fhreagair Kaela McDonald-Nguah agus Gillian Inglis le trì tadhail eatorra airson an cur 3-2 air thoiseach.

Ach, trì mionaidean às dèidh an treas tadhail bho Thobar na Màthar, chuir Teigan McCann an treas tadhal aig Obar Dheathain.

Cha do dh'atharraich cùisean agus chrìochnaich an geama 3-3 ann an Cnoc a' Chluig.