Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Rangers air tiotal SWPL1 a thogail

  • Air fhoillseachadh
Rangers v Glasgow CityTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Rangers a' phuing a bha a dhìth orra.

Cha robh ach puing a dhìth air Rangers Didòmhnaich airson an lìg a bhuannachadh.

B' ann an aghaidh Glasgow City a thuit an cothrom sin - sgioba a tha air na 14 tiotalan mu dheireadh a bhuannachadh.

Às dèidh dhaibh crìochnachadh ochd puingean air dheireadh air Glasgow City air an t-seusan a dh'fhalbh, bha fios aig Sgioba Malky Thomson gun robh aca ri adhartas a dhèanamh air an t-seusan seo gus stad a chur air an 15 tiotal ann an sreath do Glasgow City.

Adhartas

Agus bha an t-adhartas sin ri fhaicinn - chan eil sgioba sam bith air a' chùis a dhèanamh orra san lìg.

A bharrachd air a sin, choisinn Rangers na trì puingean nuair a chaidh na sgiobaidhean an aghaidh a chèile sa Ghearran, a dh'aindeoin 's gun d' fhuair Jenna Fife, an neach-glèidhidh aca, cairt dhearg le faisg air 25 mionaidean air fhàgail dhen gheama.

Gu ruige seo, 's e sin an aon gheama a chaill City san lìg ach bha gu leòr an sin airson cùisean a dhèanamh nas fhasa do Rangers aig deireadh an t-seusain.

Gun tadhail, chrìochnaich an geama puing an urra Didòmhnaich a' ciallachadh nach bi e comasach do City Rangers a ghlacadh aig mullach na lìge a dh' aindeoin 's gu bheil aon gheama a bharrachd aca ri chluich.

Briseadh-dùil dhaibh ach leis gun do crìochnaich iad san dàrna àite san SWPL1, bidh cothrom fhathast aca faighinn dhan Champions League is na cuairtean dearbhaidh a' tòiseachadh as t-samhradh.

Cuideachd, bidh cothrom aca Cupa na h-Alba a bhuannachadh aig deireadh a' Chèitein nuair a bhios aca ris a' chùis a dhèanamh air Celtic.

Geamannan eile

Sna geamaichean eile thairis air an dheireadh-seachdain, chùm Hamaltan na dòchasan aca beò àite a chumail sa Phrìomh Lìg is iad a' buannachadh a' gheama aca an aghaidh Partick Thistle 2-1.

Rinn Celtic a' chuis air Spartans 3-1 agus chuir Hibernian ceithir tadhail seachad air Obar Dheathain gus an geama a bhuannachadh 4-1.

Cha robh ach tadhal a dhìth airson Hearts a bheatadh agus b' e Kaela McDonald-Nguah a chuir Tobar na Màthar air thòiseach beagan a bharrachd air uair a thìde a-steach dhan gheama acasan.