Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Cothrom do Rangers eachdraidh a dhèanamh

  • Air fhoillseachadh
Europa LeagueTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na mìltean de luchd-taic Rangers ann an Seville.

Trì fichead sa dhà bliadhnaichean air ais, ghabh Eintracht Frankfurt pàirt ann an cuairt dheireannach a' Chupa Eòrpach aig Pàirce Hampden air beulaibh faisg air 130,000 luchd-taic.

Chluich iad Real Madrid agus chaill iad 7-3 ach bidh cuimhne aig cuid air an iar-chuairt dheireannach dhen fharpais far an tug iad droinneag 12-4 do Rangers thairis air an dà ghèama.

Coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist oidhche Chiadain ann an Seville.

An turas seo ge-tà, 's e cuairt dheireannach a bhios ann agus cha bhith ach naochad mionaidean (agus ùine a bharrachd 's breaban-peanais ma tha sin a dhìth) gus fhaighinn a-mach cò shoirbhicheas sa ghèama agus cò a thogas an cupa.

Chan eil Frankfurt air gin dhe na geamaichean Eòrpach aca a chaill air t-seusan seo agus ma thèid cùisean math dhaibh, bhiodh iad dìreach an treasamh sgioba a bhuannaich an fharpais san dòigh sin.

Tha Rangers air dà sgioba Ghearmailteach a chuir a-mach às an fharpais mu thràth - Borussia Dortmund agus RB Leipzig.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha James Tavernier air an àireamh as motha thadhail fhaighinn san fharpais air fad.

A bharrachd air sin, tha an cluicheadair aca, James Tavernier a' dol a-steach dhan a' ghèama is e air seachd tadhail fhaighinn do Rangers - an àireamh as motha san fharpais air fad - a dh'aindeoin 's gu bheil e a' cluich san loidhne-dìon.

Bidh luchd-taic Rangers toilichte cluinntinn gu bheil cluicheadair an loidhne-aghaidh, Kemar Roofe air ais agus fut às dèidh dha a ghlùn a ghoirteachadh sa ghèama an aghaidh Celtic air 17mh An Giblean. Dhearbh am manaidsear, Giovanni Van Bronckhorst, gun do ghabh e pàirt san seisean-trèinidh a bha aca Diluain agus gum bi cothrom aige cluich ann an Seville.

Aig taobh eile na pàirce, bidh aig Rangers ri stad a chuir air Rafael Borre.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

John Lundstram

Tha e air ochd tadhail a chuir do Frankfurt sa Bhundesliga ach 's e na tadhail aige an aghaidh Barcelona agus West Ham a chuidich an sgioba aige dhan chuairt dheireannach.

"Cudromach do bhall-coise Alba cuideachd"

Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil ri suas ri 100,000 luchd-taic na sgioba ann an Seville.

"Tha e cudromach do Rangers fhèin nuair a thig e gu airgead ach tha e cuideachd cudromach do bhall-coise ann an Alba," Thuirt Calum MacIllinnein a tha a' leantain sgioba Rangers.

"Bheir e airgead a-steach a dh'Alba.

"Bheir e bharrachd ainm dha ball-coise Alba.

"'S dòcha gum daoine a' toirt bharrachd spèis dhuinn mar dùthaich nuair a chì iad de cho math sa tha an sgioba a' dèanamh le fada nas lugha airgead".