Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Liverpool a' tadhail air Baile a' Ghobhainn

  • Air fhoillseachadh
King agus SalahTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Chaill Rangers 2-0 aig Pàirce Anfield sa chiad gheama eatorra

Cluichidh Rangers agus Liverpool an dàrna geama eatorra sa bhuidhinn aca ann an Lìog na h-Eòrpa oidhche Chiadain.

Cuiridh sgioba Giovanni Van Bronkhorst fàilte air Liverpool aig Pàirce Ibrox às dèidh dhaibh call 2-0 sa chiad gheama.

Tha Rangers gun phuing is iad aig bonn Buidheann A agus chan eil iad air aon tadhal fhaighinn fhathast.

Ach tha cluicheadairean cudromach a dhìth air Liverpool an-dràsta is Trent Alexander-Arnold, Joel Matip, agus Luis Diaz am measg an fheadhainn a th' air an goirteachadh.

Feumaidh an luchd-taic a bhith misneachdail

"Aig Ibrox, feumaidh tu a bhith a' dèanamh do dhìcheill airson an luchd-taic a dhèanamh beòthail agus an sgioba eile a dhèanamh mì-chofhurtail," thuirt an cluicheadair aig Rangers, Iain Lundstrum.

"Ma s urrainn dhuinn Liverpool a chur fo chuideam, dh'fhaodadh gum bi sinn rud beag fosgailte aig a' chùl."

"Le sin, feumaidh an luchd-taic a bhith misneachdail ri taobh na pàirce."

A dh'aindeoin oidhcheannan iongantach do Rangers aig Ibrox air an t-seusan a dh'fhalbh ann an Lìog Europa, tha iad air sia a-mach às na h-ochd geamaichean mu dheireadh aca aig an taigh a chall aig Ibrox ann an Lìog na h-Eòrpa.

A bharrachd air sin, tha iad air dìreach ceithir tadhail a chur aig Ibrox sna naoi geamaichean mu dheireadh aca san fharpais - gach fear dhuibh ann an geamaichean fa-leth.

Chan eil cùisean air a bhith cofhurtail do Liverpool bhon a thoìsich an seusan ùr ge-tà.

Tha iad san deicheamh àite ann am Prìomh Lìog Shasann is iad air dìreach dà gheama a bhuannachadh.

Cuideachd, tha iad trì puingean air dheireadh air Napoli sa bhuidhinn seo.

Nì sinn ar dhìcheall

"Chan urrainn dhomh a bhith a' gealltainn gum bi sinn a' cluich gu làidir ach nì sinn ar dhìcheall," dh'aidich manaidsear Liverpool, Jurgen Klopp.

"Dh'fhàs cùisean nas doirbhe dhuinn Didòmhnaich air sgàth na tha de chluicheadairean againn a th' air an goirteachadh ach chòrd an sgioba rium a-nochd aig trèanadh an-diugh."

Tòisichidh an geama eadar Rangers agus Liverpool aig Pàirce Ibrox aig 8:00f oidhche 'Chiadain.