Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Tadhail is dràma gu leòr san iomain

Iomain
  • Air fhoillseachadh

Tha Bàideanach puing air thoiseach aig mullach na Lìge Nàiseanta ann an iomain nam ban às dèidh droinneadh a thoirt air Obar Dobhair - a thug gu ceann deireadh-seachdain làn dràma san spòrs.

Bha boireannach Bhàideanach air crathadh fhulang ann an Port Rìgh an t-seachdain seo chaidh nuair a rinn na Sgitheanach an gnothach orra 4-0 - a' chiad gheama a bha Bàideanach air call am-bliadhna.

Thàinig freagairt làidir bhuapa ann am Fìobha is iad fìor chruaidh air Obar Dobhair.

Chrìochnaich Zoe Reid le sia tadhail, is trì an urra aig Jeanette NicGriogair is Rhona Nic an t-Saoir.

Bha geama iongnantach aig na Sgitheanaich fhèin ann an Drochaid an Aonachain Didòmhnaich far an do chrìochnaich iad 6-6 an aghaidh Loch Abair.

Thàinig còig de thadhail nan eileanach bho Abby NicIlleathain.

Tha seo a' ciallachadh ge-tà, gu bheil iad a-nise puing air cùl Bhàideanach.

Am measg nan geamaichean eile rinn Ceann Loch Seile an gnothach 8-0 air Àird nam Murchan.

Theab sgeulachd mhòr a bhith ann sa Mhanachainn ann an iomain nam fear Disathairne is sgioba a' bhaile 2-1 air thoiseach air Ceann a' Ghiùthsaich ann an Cupa na Camanachd anns na mionaidean mu dheireadh.

Mar a thachair tric gu leòr ge-tà, fhuair Kings dòigh air choireigin air an slaodadh fhèin a-mach às an t-sloc anns an robh iad, Dylan Borthwick ga thoirt air ais gu 2-2 le dà mhionaid air fhàgail is Tòmas Borthwick an uairsin a' buannachadh a' gheama dhaibh 3-2 le ceithir mionaidean de dh'ùine a bharrachd ri dhol.

Fìor oidhirp bhon Mhanachainn ach Ceann a' Ghìuthsaich troimhe uair eile.

Cuideachd san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd tha Lòbhat, a rinn an gnothach 3-1 air na Sgitheanaich ann an Cill Taraglain, is Camanachd an Òbain, a thàinig am bàrr 5-2 an aghaidh Loch Abair.

Sa gheama eile rinn an Gearasdan a' chùis 3-2 air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an ùine a bharrachd - is sgioba a' bhaile a' dèanamh fìor oidhirp ged a bha iad sìos gu 11 sa chiad leth.

Bidh an taghadh airson iar-cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann Diardaoin.

Am measg gheamaichean eile Disathairne rinn Caol Bhòid an gnothach 2-1 air Gleann Urchadain sa Phrìomh Lìog is 's e 5-2 a bh' ann do Chamanachd Leòdhais an aghaidh Inbhir Nis ann an Lìog Tuath 2.