Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

A' chìs-chomhairle suas 10% an Earra-Ghàidheal

Comhairle Earra-Ghàidheal is BhòidTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Bhòt comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gus a' chìs-chomhairle a chur suas 10%.

'S e Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a tha air a dhol an aghaidh poileasaidh Riaghaltas na h-Alba gus a' chìs a reòthadh.

Bha an riaghaltas air barrachd airgid a thabhainn oidhche Chiadain feuch aonta a ruighinn.

Bhòt comhairlichean airson an àrdachaidh ge-tà, is toll £40m romhpa.

'S e àrdachadh timcheall air 6% a bha oifigich air moladh is bha iongnadh air cuid de na comhairlichean gun deach 10% a chur air adhart.

Thuirt ceannard na comhairle, Robin MacMhuirich, nach robh e airson a' chìs a chur suas 10% ach nach robh "dol às eile ann" ma bha iad airson seirbheisean is obraichean a ghlèidheadh.

Tha an t-àrdachadh a' ciallachadh gum bi taighean ann an Bann D ann an Earra-Ghàideal is Bòd a-nise a' pàigheadh £1,627.12.

Bha moladh air beulaibh na comhairle cuideachd gus Àrd-sgoil Thobar Mhoire a sgeadachadh seach sgoil ùr a thogail.

Chaidh an co-dhùnadh sin a chur dheth.