Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Kara Hanlon sa chuairt dheireannaich den 200m breaststroke

Kara Hanlon
  • Air fhoillseachadh

Tha Kara Hanlon troimhe do chuairtean deireannach an 200m breaststroke aig farpaisean Bhreatainn.

Chrìochnich i anns a' chiad àite san heat aice Diciadain ann an 02:26.69.

Tha sin ga fàgail san chiad àite air a' chlàr airson na cuairt deireannaich aig 7:58f Diciadain.

Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh bho British Aquatics.

Feumaidh i snàmh nas luaithe na 02:23.04 sa chuairt dheireannaich airson àite fhaighinn ann an sgioba GB aig na Geamannan Oilimpigeach ann am Paris as t-Samhradh.

Tha Kara cuideachd gu bhith a' farpais anns an 100m breaststroke Didòmhnaich.

Tùs an deilbh, Zac Goodwin/PA Wire