鶹ҳ

Borthwick: 'Abair geama iomain a bha siud'

Iain Borthwick
Fo-thiotal an deilbh,

Tha manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick air a dhòigh fhaighinn a-steach dhan dàrna chuairt agus mar a chluich an dà sgioba.

  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick, gu bheil iad air an dòigh faighinn a-steach dhan dàrna chuairt de Chupa MhicThàmhais is iad air soirbheachadh air buillean-peanais an aghaidh Lòbhat.

'S iad Lòbhat a fhuair làmh an uachdair air Ceann a' Ghiùthsaich dìreach ochd mionaidean a-steach dhan gheama nuair a chaidh buille a-steach domhain dhan bhogsa.

Cha do dhèilig Ceann a' Ghiùthsaich leis luath gu leòr agus bha aig Lewis Tawse ris a' bhall a bhualadh gu sìmplidh seachad air an neach-glèidhidh.

Thug e faisg air uair a thìde gus an do lorg Ceann a' Ghiùthsaich freagairt.

Cò eile ach Savio Genini, a tha gu math dèidheil air tadhal cudromach, is e a' bualadh a' bhuill bho oir a' bhogsa gu cumhachdach airson gàirdeachas a thogail am measg an luchd-taic aig An Dell.

Ùine a bharrachd

B' e 1-1 a bha sgrìobhte air an soidhne mhòr aig deireadh 90 mionaid - fada nas fhaisge na bha e an-uiridh nuair a choinnich na sgiobaidhean san dàrna chuairt nuair a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 3-0 ann an Cill Taraglain.

A-steach leotha gu ùine a bharrachd is nochd Dylan Borthwick sa bhogsa às dèidh slaic-oisein is bha Ceann a' Ghiùthsaich air thoiseach.

Ach thàinig toileachas luchd-taic Cheann a' Ghiùthsaich gu crìch - airson greis co-dhiù - le Lewis Tawse a' toirt dòchais do Lòbhat le tadhal sgiobalta eile dhan sgioba aige.

Bha feum air buillean-peanais.

Buillean-peanais

Fo-thiotal an deilbh,

Rinn Ceann a' Ghiùthsaich an gnothaich air Lòbhat 3-1 dìreach cola-deug air ais ach cha robh dad eadar an dà sgioba an turas seo, fiù 's sna buillean-peanais.

Leis an dà sgioba a' cur a' bhuill seachad air an tadhal dhà no thrì tursan, bha cùisean teann sna buillean-peanais.

Rinn neach-glèidhidh Cheann a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacGrìogair, an aon mhearachd le bhith a' cur a' bhuill àrd seachad air an tadhal leis an oidhirp aigesan bhon spot.

Ach 's e gaisgach an là air a' cheann thall - shàbhail e a dhà dhuibh agus chuir e an dàrna oidhirp aige dhan lìon.

Thàinig Ceann a' Ghiùthsaich am bàrr 6-5 agus bha gàirdeachas aig An Dell uair eile.

Thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick, gur e uallach a bh' ann bòtannan Iain Gibson a lìonadh nuair a thàinig e a-steach ann an 2023, ach gun robh e gu bhith a' toirt toileachais bho gach geama aige os cionn na sgioba - abair gun robh siud follaiseach air aodann Disathairne.

Beachd nam manaidsearan

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 鶹ҳ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le 鶹ҳ Spòrs Gaelic

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 鶹ҳ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le 鶹ҳ Spòrs Gaelic

Na geamaichean eile ann an Cupa MhicThàmhais

Fhuair Baile Ùr an t-Slèibh seachad air Srath Ghlais gu furasta is dà thadhal bho Chamshron Mac'illeNaoimh agus fear eile bho Drew Dòmhnallach gu leòr airson fhaighinn a-steach dhan dàrna chuairt.

Cha robh cùisean cho sìmplidh sin don Mhanachainn ge-tà - thàinig iad am bàrr 4-3 an aghaidh Loch Abair ann an geama faisg.

Bha tadhal tràth aig Gleann Urchadain bho Daniel Mac'illeEathain às dèidh dìreach trì mionaidean, ach thill Cille Mhàilidh le dà thadhal airson buannachadh 2-1.

Stad an geama eadar Ceann Loch Seile agus Cabar Fèidh gu h-obann is an rèitire Steven MacLachlainn air fàs tinn.

Fhuair e cuideachadh bho dhì-fhibriliche a tha stèidhichte aig Caisteal Leòid agus oidhirpean sgiobair Cheann Loch Seile Conor Cormack, a tha na smàladair, agus an co-chluicheadair aige Keith MacRàth, gus an do ràinig na seirbheisean èiginn.

Tha Steven a-nis a' tighinn air adhart san òspadal.

Geama teann aig Pàirce Mossfield

Fo-thiotal an deilbh,

'S e là brèagha a bh' ann aig Pàirce Mossfield ach b' e an iomain a glac aire an luchd-taic.

Tha seusan measgaichte air a bhith aig Caol Bhòid gu ruige seo is iad air dìreach aon gheama a bhuannachadh a' dol a-steach dhan gheama an aghaidh Camanachd an Òbain.

Bha cluicheadairean a dhìth orra 'son a' gheama seo ach 's iad a fhuair a' chiad thadhal - Innes Dòmhnallach le rocaid a' cur Caol Bhòid air thoiseach uair a thìde a-steach dhan gheama.

Ach fhreagair Camanachd an Òbain is Malcolm Clark a' fàgail a' gheama co-ionnann, is Lewis Camshron an uairsin a' cur fear eile sa mhionaid mu dheireadh gus an geama a bhuannachadh 2-1 airson sgioba an Òbain.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 鶹ҳ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd 2 le 鶹ҳ Spòrs Gaelic

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 鶹ҳ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd 2 le 鶹ҳ Spòrs Gaelic