Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Fearghasdan a' dol às aonais tuarastail

FearghasdanTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil e a' dol as aonais tuarastail an-dràsta gus cuideachadh a thoirt dhan chluba is iad ann an staing ionmhais.

Aig an dearbh àm, tha cathraiche eadar-amail a' chluba "air adhbharan pearsanta".

Feumaidh Caley Thistle £200,000 a lorg sa chola-deug a tha romhainn gus seachnadh a dhol ann an rianachd.

Tha iad air duilleag crowdfunding a chur air dòigh, is thuirt Donnchadh Fearghasdan gu bheil esan airson taic a thoirt seachad cuideachd.

"Bha mi den bheachd gum biodh e iomchaidh dhomh mo thuarastal a chur dhan phoit," thuirt Fearghasdan.

"Chan eil iad feumach air £200,000 a-niste, feumaidh iad beagan nas lugha.

"Leanaidh sin agus bheir mi mo thuarastal seachad airson an cluba a chuideachadh.

"Sin a tha mi air roghnachadh a dhèanamh agus tha mi an dòchas gum bi e na chuideachadh.

"Chan urrainn dhomh a dhol às aonais tuarastail gu bràth tuilleadh, ach an-dràsta tha mi a' smaointinn gu bheil e ceart seo a dhèanamh," thuirt e.

Rianachd

Fiù 's ma bhios an cluba soirbheachail ann a bhith a' seachnadh rianachd air a' mhìos seo, thuirt ICT gum biodh barrachd airgid a dhìth airson cumail a' dol gu deireadh an t-seusain.

Rinn iad call de £1.2m air an t-seusan seo chaidh is tomhas ann gum bi an aon seòrsa call aca air an t-seusan seo.

Tha Urras Luchd-taic ICT air impidh a chur air an fheadhainn leis an àireimh as motha de earrannan sa chluba agus seann stiùirichean cuideachadh a thoirt seachad.

Thuirt iad: "Tha sinn fìor iomagaineach mu na th' air tachairt bho chionn ghoirid a thaobh suidheachadh ionmhais a' chluba.

"Chan eil ach còig seachdainean ann bho chaidh innse do luchd-leantainn gun deach an cluba a shàbhaladh agus gun deach rianachd a thoirt far a' bhùird."

Cathraiche eadar-amail

Thàinig naidheachd cuideachd feasgar Diardaoin gu bheil cathraiche eadar-amail ICT, Panos Thomas, air an cluba fhàgail.

Tha Mgr Thomas air a bhith air a' bhòrd bhon Ghearran 2023 agus chaidh a stèidheachadh mar chathraiche eadar-amail san Lùnastal am-bliadhna.

Thuirt Mgr Thomas gur e adhbhar pearsanta teaghlaich a tha air cul a' cho-dhùnaidh.

Thug an cluba dha taing is dh'innis iad gu bheil Scott Moireach air a dhol na àite mar chathraiche eadar-amail.

'S e a-nise a bhios os cionn na coinneimh fosgailte aig Pàirc Chaledonian oidhche Luain seo tighinn.