Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Uibhistich air fianais a thogail mu sheirbheisean aiseig

Iomairt ann an Loch Baghasdail
  • Air fhoillseachadh

Nochd sluagh mòr aig cidhe Loch Baghasdail Didòmhnaich gus fianais a thogail mu sheirbheisean aiseig.

Tha fearg ann an Uibhist a Deas agus an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig a-nise air a tarraing gu Dihaoine an 30mh den Ã’gmhios.

Tha sin ri linn is mar a chaidh an MV Lord of the Isles a ghluasad gu slighean Ìle is obair-càraidh a' leantainn air an MV Hebridean Isles is an MV Finlaggan air a dhol airson seirbheis bliadhnail.

Thuirt CalMac gu bheil iad fìor dhuilich is gu bheil iad a' tuigsinn gun toir seo buaidh air a' choimhearsnachd, ach gur e an roghainn a bheir buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdadh.

Bha faireachdain làidir am measg an fheadhainn a thog fianais Didòmhnaich ge-tà, nach eil Riaghaltas na h-Alba no CalMac ag èisteachd riutha.

"Tha aiseagan deatamach dhuinn an seo - tha iad coltach ri ogsaidean", dh'innis Christina Mhoireasdan aig a bheil gnothachas aig cidhe Loch Baghasdail is a chuir an tachartas air dòigh.

"Mura h-eil iad againn, bidh a' choimhearsnachd ann an cunnart bàsachadh. Tha e a' toirt buaidh cho mòr oirnn is gu bheil e a' faireachdainn mar gum biodh gu bheil na fuadaichean a' tachairt a-rithist.

"Tha na coimhearsnachdainn againn mar-thà cugallach agus as aonais sheirbheisean aiseig, tha sinn ann an cunnart dòchas a chall.

"Tha sinn air ìre a ruighinn a-nise far am feum cuideigin a dhol an sàs agus fuasgladh fhaighinn sa bhad", thuirt i.

Tha taigh-òsta aig Calum MacAmhlaigh ann an Loch Baghasdail cuideachd is esan am measg na chruininich aig a' chidhe còmhla ris na ceudan eile.

Thuirt e gun do sheall seo cho mì-thoilichte 's a tha daoine.

"Bha an t-àite mun cuairt a' chidhe agus an t-seann chidhe a bh' ann airson nan iasgairean, bha e loma-làn. Cha robh for agam riamh gun robh an leithid de dhaoine a' fuireach ann an Uibhist.

"Ge brith cò tha thu a' bruidhinn ris a-nise, tha rudeigin a' tachairt dhaibh air sàilleibh is nach urrainn dhaibh a dhol air ais no air adhart. Chan eil e ag obair idir.

"Bha Ministear na Còmhdhail agam a-staigh an seo cola-deug air ais is duine sgrathail laghach a bh' ann is bha e ag èisteachd is e ag ràdh 'nì sinn siud is nì sinn seo', is aon uair is gu bheil iad a' coiseachd air falbh tha CalMac a' dèanamh na thogras iad.

"Chanainn a-nise gum feum sinn a dhol gu Lunnainn, chan eil sian a dh'fheum a bhith a' bruidhinn ri Dùn Èideann", thuirt e.

Thog Mgr MacAmhlaigh uair eile air airgead-dìolaidh is e ag ràdh gu bheil cruaidh fheum aig coimhearsnachdan air taic.

Thabhainn CalMac leisgeul a-rithist mun troimh-chèile a th' ann is is gheall iad gu bheil iad ag obair cho cruaidh 's a ghabhas gus bàtaichean a thilleadh gu seirbheis.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Caoimhin Stìubhart, gur e briseadh-dùil a th' ann dha nach deach conaltradh mar bu chòir ri coimhearsnachdan mun t-suidheachadh.