Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

An ceap a thàinig dhachaigh chun na Gàidhealtachd, mu dheireadh thall.

Teaghlach Lt James Michael BlairTùs an deilbh, Rugbaidh Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Susan Little agus a teaghlach a' faighinn ceap an Lt James Michael Blair aig Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd.

  • Air fhoillseachadh

Tha teaghlach ann an Inbhir Nis a' dèanamh gàirdeachais is iad air ceap eadar-nàiseanta rugbaidh a choisinn fear a bha càirdeach dhaibh fhaighinn.

Thàinig sgeulachd an Lt James Michael Blair am bàrr mar phàirt de dh'iomairt aig Rugbaidh Alba gus ceapan a thoirt do 75 duine a chluich do dh'Alba timcheall air àm an Dàrna Cogaidh ach nach robh e air aithne oifigeil fhaighinn gu seo.

Bha 10 ceap nach deach a thoirt seachad is e air fàiligeadh air Rugbaidh Alba lorg faighinn air feadhainn a bha càirdeach dha na cluicheadairean.

Bha an Lt James Michael Blair - no Michael mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e - air an liosta sin gu seo.

Fhuair Michael Blair foghlam aig Acadamaidh Dhùn Èideann is Oilthigh Oxford.

Chluich e do dh'Alba an aghaidh Shasainn aig Inverleith air an 27mh den Ghearran 1943 ann an geama eadar-nàiseanta eadar na seirbheisean.

Bha an Lt Blair aig scrum-half do dh'Alba ann an geama a bhuannaich Sasainn 29-6.

Bha e cuideachd na bhall den Reconnaissance Corps, R.A.C. 15th (Scottish) Regiment.

Chaill Michael Blair a bheatha a' sabaid ann an Normandy ann an 1944.

Nuair a thòisich Rugbaidh Alba air an iomairt aca cha d' fhuair iad sgeul an toiseach air duine a bha càirdeach dha.

Ach às dèidh sgrùdaidh mhionaidich agus a dhol tro sheann chlàran, nam measg an fheadhainn aig Coimisean Uaighean Cogaidh a' Chlo-Fhlaitheis, thàinig ceangal am bàrr air Ghàidhealtachd.

"B' e Michael co-ogha mo mhàthar," dh'innis Susan Little, a tha a' teagasg Beurla aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis.

Tùs an deilbh, Rugbaidh Alba
Fo-thiotal an deilbh,

An Lt James Michael Blair.

"Rugadh an dithis aca anns na h-Ìnnseachan, Michael ann an 1923, is thàinig iad a dh'fhuireach còmhla rin seanmhair ann an Dùn Èideann timcheall air 1930.

"Bha mi air mo dhòigh cluinntinn mun cheap aige, chuir e iongnadh mòr oirnn," thuirt i.

Chaidh an ceap a thoirt seachad dhan teaghlach aig cuirm an t-seachdain seo aig Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd.

'S e Colin Bailie, Ceann-suidhe Urramach a' Chluba is fear a bha na bhall de phanal coidsidh Rugbaidh Alba, is air a bheil mòran a tha an sàs ann an spòrs sa cheann a tuath eòlach, a thug seachad an duais.

Am measg na bha an làthair às an teaghlach bha ogha Susan, Ruaraidh Chiffers, a tha còig.

Dh'innis i gu bheil co-là breith Ruairidh a' tuiteam air an 27mh den Ghearran, an dearbh là a chluich an Lt James Michael Blair do dh'Alba air ais ann an 1943.

Tha Susan ag ràdh gur dòcha gum faigh Ruairidh Òg an ceap air a' cheann thall.

"Tha sinn cho taingeil do Rugbaidh Alba. Tha sinn uile cho moiteil às a seo," thuirt i.

Tha Rugbaidh Alba fhathast a' sireadh feadhainn a tha càirdeach ri naoinear eile a chluich do dh'Alba ann an geamaichean an aghaidh Shasainn eadar 1942 is 1945:

NW Ramsay; JB McNeil; DA Roberts; Bob Cowe; AE Murray; RM McKenzie; JB Nicholls; Charlie Wilhelm; agus E Melling.

Dh'iarr iad gun cuireadh duine sam bith le fiosrachadh brath gu Graham Law aig Rugbaidh Alba.