Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Alba treun gus puing fhaighinn an aghaidh Portagail

RonaldoTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

B' e oidhche dhoirbh a bh' ann do Cristiano Ronaldo aig Pàirce Hampden

  • Air fhoillseachadh

Treun. Làn lùths. Còmhla.

Chunnaic luchd-taic na h-Alba beagan de na tha iad air a bhith ag ionndrainn thar grunn mhìosan doirbh is sgioba Steve Clarke a' coisinn puing an aghaidh Portagail... agus Cristiano Ronaldo.

Bhon a' chiad fhìdeag, bha Alba cho làidir sa ghabhas air a' chas chùl nuair a bha am ball aig tàlant Portagail agus bha iad gu math mì-fhortanach tadhal no dhà fhaighinn tràth sa gheama.

Seo a' chiad phuing do dh'Alba aig ìre A ann an Lìog nan Nàiseanan agus ged a tha iad aig bonn a' bhuidheann aca, chan eil na cluicheadairean a' tilleadh dha na clubaichean aca mar phàirt dhen a' chiad sgioba aig Alba a chaill còig geamaichean sreath chèile.

¶Ùò³¦³ó²¹²õ

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Scott McTominay glè fhaisg air tadhal fhaighinn an aghaidh Portagail tràth sa gheama

B' e oidhche an ìre mhath tioram a bh' ann aig Pàirce Hampden, a bha loma-làn luchd taic na h-Alba.

Dh'fhaodadh gun robh cuid ann airson fear dhe na cluicheadairean as anmeile san t-saoghal fhaicinn - Cristiano Ronaldo.

Ach rinn luchd-taic na h-Alba gu leòr fuaim a h-uile uair a fhuair e am ball, a dhearbhadh gun robh iad air cùil an duthaich aca fhèin.

Agus abair gun d'thug sgioba Steve Clarke adhbhar dhaibh èigheachd uair eile, dìreach còig mionaidean a-steach dhan gheama.

Lorg an cluicheadair òg Ben Doak e fhèin le rùm gu leòr sìos taobh chlì na pàirce le Andaidh Robasdan ri a thaobh.

B' e Robasdan a ghabh an uallach am ball a chuir a-steach dhan bhogsa agus lorg e Scott McTominay, a tha air a bhith a' glacadh aire na h-Eadailtich leis a' chluba ùr aige Napoli.

Ghnog McTominay am ball sìos gu làimh chlì an tadhal le cheann ach bha Diogo Costa gleusta gus an oidhirp a stad.

Ma nach robh iad nan dùisg mar thà, bha luchd-taic na h-Alba air an casan a-nis!

Tàlant Portagail

Bha tàlant Phortagail gu math follaiseach - an dà chuid air pàipear agus air a' phàirce.

Bha oidhche glè thrang aig Robasdan, sa chiad leth co-dhiù is e a' dèiligeadh le Francisco Conceição agus João Cancelo a bha a' gabhail cothroman am ball a chuir gu cunnartach a-steach dhan bhogsa.

Ach dhèilig an ceathrar aig a' chùl do dh'Alba leis a' mhòr chuid nan aghaidh.

Thug sin air fiù 's Ronaldo 'bicycle-kick' fheuchainn.

Cha do dh'obraich e agus chòrd sin ris an arm thartain.

An dàrna leth

A-rèir choltas, bha deagh-fhortan aig sgioba Steve Clarke cuideachd.

Thòisich Portagail mar a bhiodh tui an dùil - mar peillear.

Lorg Jota Ronaldo a bha leis fhèin aig meadhan a' bhogsa, thuit am ball cho math sa dh'fhaotadh dha tuiteam ach chuir an ruinneag Phortagail am ball àrd seachad air a' mhaide-tarsainn aig Craig Gòrdan.

Ged nach robh moran fhortan aca sios taobh chli na pairce sa chiad leth, thug Rafael Leão beagan astar dhaibh san dàrna leth às dèidh dha tighinn air a' phàirce.

Ach ge-bè dè chruthaich a' Phortagail, uair às dèidh uair, anns gach seòrsa dòigh, dhèilig na h-Albannaich leotha.

Fad na h-oidhche, bha Alba rud beag ro shlac leis a' bhall agus bhiodh 's dòcha tìotal gu tur eadar-dhealaichte air a' phìos seo nan robh iad nas cinnteach leis.

Chruthaich iad cothrom no dhà co-dhiù.

Agus b' e atharrachadh aig Alba a thug beagan de dh'astar do dh'Alba cuideachd nuair a bha e comasach dhaibh briseadh suas a' phàirce.

Às dèidh deagh-chluiche eadar Anthony Ralston agus Lewis Morgan, a thàinig air a' phàirce an àite Ben Doak, dh'èirich fuaim Hampden uair eile.

Chaidh am ball a chuir a-steach bìdeag ro chruaidh do McTominay a ruith a-steach dhan bhogsa mar trèan.

Na mionaidean mu dheireadh

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Thog am puing agus oidhirpean na h-Albannaich spioratan an arm tartan oidhche Mhàirt

Tha Alba air gu leòr mhearachdan a dhèanamh o chionn ghoirid agus leis a' chuideam a bha a' Phortagail a chuir orra, bhiodh e furasta a thuigsinn ann an dòigh ma bhris aire duine no dithis ann an loidhne-dion na h-Alba.

Ach, nas coltach ri mar a bha iad air an t-slìghe sònraichte aca gu Euro 2024, bha iad cho làidir sa ghabhas agus gleusta airson rud sam bith.

Agus bha am fear àrd eadar na puist mar phàirt de sin.

Barrachd na da fhichead bliadhna a dh'aois, sheas Gòrdan an àrd anns na beagan mhionaidean mu dheireadh gus am puing a shàbhaladh dhan dùthaich aige.

Às dèidh do Rafael Leão cothrom eile a chruthachadh, chuir e ball le astar air a chùl gu Bruno Fernandes a las air an tadhal - cha robh e math gu leòr do Ghòrdan a bheatadh.

A bharrachd air Iain Souttar san loidhne-dìon aig an robh geama sònraichte, bha Nicky Devlin, fear dhe na h-atharraichean aig Clarke, mar phàirt mhòr dhen phuing oidhche Mhàirt cuideachd.

Leum esan ann an rathad an rocaid aig Rafael Leão aig fìor dheireadh a' gheama - oidhirp a bha a' dèanamh air an tadhal le cìnnt, ach bha oidhirpean Devlin, anns a' chiad gheama aige do dh'Alba, mar shamhla dhen oidhirp air fad aig Alba an aghaidh Portagail.

A' chiad phuing aig Alba aig an ìre às àirde ann an Lìog nan Nàiseanan an aghaidh fear de na dùthchannan as treasa san t-saoghal.

Bidh luchd-taic na h-Alba an dòchas gur e seo dìreach a' chiad bhoillsgeadh gu bheil fortan na dùthcha a' tionndadh sìos slìghe nas soirbheachaile às dèidh grunn mhìosan dòrcha - ach feumaidh sgioba Steve Clarke togail air a' gheama seo agus cumail orra.