Main content

Cothrom-adhartais ann an Chisinau?

Chan eil sgioba na h-Alba air cluich ann an Moldòbha ach aon turas roimhe. Ann an 2004 thàinig Berti Vogts agus a sguad a Chisinau agus an iomairt aca faighinn gu Cupa na Cruinne anns a' Ghearmailt ann an 2006 mar thà faisg air na creagan.

Às dèidh dìreach aon phuing a thogail bhon chiad dà gheama aca anns a' bhuidhinn (0-0 an aghaidh Sloibhìnia agus 0-1 an aghaidh Nirrbhidh), cha dèanadh ach trì puingean an gnothach do dh'Alba an aghaidh sgioba nach robh ach aig àireamh 113 ann an rangannan FIFA aig an àm.

Ach cha robh an turas dhan dùthaich na thoiseach ùr dhan iomairt aig Alba idir, ach na phuing-chrìochnachaidh do chaibideil Mhgr Vogts. Bha aig an duine fhèin ri suidhe am measg luchd-taic agus e air a chasg airson a' gheama. Dh'fhulaing e fhèin agus an luchd-taic aig Alba le chèile air oidhche fhuar.

Rinn Steven Thompson an gnothach air Alba a thoirt air ais dhan gheama às dèidh do Sergiu Dadu Moldòbha a chur air thoiseach. Ach a dh'aindeoin leisgeulan mu phàirc a bha mì-iomchaidh, bha puing ann an Chisinau na h-adhbhar-nàire do dh'Alba agus na phuing-chrìochnachaidh air leth ìosal do Bherti.

17 bliadhna às dèidh sgrios Chisinau, tha Alba gus tilleadh dhan aon bhaile agus iad a-rithist feumach air trì puingean airson cothrom a thoirt dhaibh fhèin faighinn gu Cupa na Cruinne. Chan ann anns an t-seann phàirc a thachras na sgiobaidhean ge-tà.

Bho 2004, 's ann sìos seach suas rangannan FIFA a tha Moldòbha air a dhol cuideachd, agus iad a-nis cho ìosal ri 181. Mar sin a bheil cunnart ann gun tig na cuibhlichean far charbad na h-Alba ann an Moldòbha a-rithist?

Chan ann às aonais dhraghan a thig Alba dhan gheama seo idir. Tha Lyndon Dykes air ceithir tadhail fhaighinn anns na ceithir geamannan mu dheireadh aige do dh'Alba, ach tha esan air a chasg airson a' gheama. Tha agus Ryan Christie. Tha seann chluicheadair Celtic air tòiseachadh gu math aig Bournemouth, ach cha bhi a sgilean ri fhaighinn ach airson geama na seachdain seo tighinn an aghaidh na Danmhairg.

Bidh Steve Clarke cuideachd às aonais Grant Hanley agus Ryan Friseil agus an dithis air an goirteachadh ron gheama seo. Tha teagmhan air a bhith ann mu shlàinte Kieran Tierney cuideachd, ged a tha dòchas ann gun nochd e. Aig an dà cheann den phàirc, chan eil cùisean cho sìmplidh dhan mhanaidsear 's a bhiodh e fhèin ag iarraidh.

Airson tuill anns an sgioba a lìonadh, tha Clarke air tionndadh gu fuasglaidhean ainnichte agus fuasglaidhean ùra cuideachd. Tha Iain Souttar aig Hearts air tilleadh dhan sgioba agus esan air cluich gu math ann an loidhne dìon nan Jambos air an t-seusan seo.

Tha Jacob Brown aig Stoke City an sàs anns an sgioba airson a' chiad uair, ach le còig tadhail air an t-seusan seo thuige seo, bidh Clarke an dòchas gun neartaich esan an loidhne-aghaidh.

A dh'aindeoin na beàrn a tha eatorra, cha robh ach aon tadhal eadar na sgiobaidhean seo nuair a choinnich iad aig Hampden. Bhon uairsin tha Alba air tighinn gu math faisg air slighe a lorg gu Cupa na Cruinne airson a' chiad uair bho 1998.

Ach ma tha iad airson greimeachadh air a' chothrom faighinn gu na play-offs às aonais a bhith an urra ri sgiobaidhean eile neo rudeigin fhaighinn an aghaidh nan Dànach an ath-sheachdain, feumaidh iad buannachadh ann an Chisinau.

Bidh Clarke an dòchas gum bi Moldòbha na clach-mhìle dhan sgioba, seach na puing-chrìochnachaidh mar a bha do Bherti Vogts bho chionn 17 bliadhna. Dearbhaidh geama feasgar Dihaoine cò dhiubh a bhios ann.

/naidheachdan/59249896