Main content

SWPL1: Rangers a' gabhail ceum eile chun an tiotail

Ghabh Rangers ceum eile a ionnsaigh tiotal SWPL1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Obar Dheathain 4-0 anns a' chiad gheam aca a-riamh aig Ibrox.

Chunnaic bharrachd na 4,400 luchd-leantainn tadhail bho Sam Kerr agus Kayla McCoy sa chiad-leth agus dà thadhal a bharrachd san dàrna-leth bho Nicola Docherty agus Lizzie Arnot.

Tha e a' ciallachadh gu bheil iad còig puingean air thoiseach air Glasgow City le trì geamaichean ri chluich.

Rinn City cinnteach gun crìochnaich iad san dàrna àite, air a' char as lugha, is iad a' coisinn àite ann an Champions Lìog nam ban às dèidh dhaibh buannachadh 2-0 an aghaidh Hearts ann an Dùn Èideann.

Fhuair Charlie Wellings trì tadhail do Celtic an aghaidh Hamaltan far an do chrìochnaich cùisean 6-0 agus bha aon thadhal gu leòr do Thobar na Màthar airson na trì puingean fhaighinn an aghaidh Spartans.

Chaill Partick Thistle ri Hibernian 2-0, le Michaela McAlonie agus Shannon Leishman a' faighinn nan tadhal.

Air an deireadh-sheachdain seo tighinn, cuiridh Tobar na Màthar fàilte air Rangers agus thèid Hibs an aghaidh Hamaltan.

Thèid iar-chuairt dheireannach Cupa na h-Alba a chumail cuideachd far am bi Hearts agus Celtic a' coinneachadh aig Pàirce na h-Eaglaise Brice sa chiad gheama aig 12:00f, agus san dàrna geama, thèid Partick Thistle agus Glasgow City an aghaidh a chèile air an aon phàirce aig 4:30f.

/naidheachdan/61214016