Main content

Baile òg, Baile eachraidheil agus Cupa Lìog na h-Alba

Chan eil ach 15 sgioba air Cupa Lìog na h-Alba a thogail riamh.

Nam measg tha aon sgioba bho bhaile nach robh fhathast air a thogail nuair a thòisich an dearbh cho-fharpais gu h-oifigeil ann an 1946. 'S e Baile Dhùn Lèibhe aon de na bailtean a bha air an togail às dèidh do dh'Achd nan Bailtean Ùra 1946 tighinn tro phàrlamaid an Rìoghachd Aonaichte - anns an aon bhliadhna 's a bha farpais Cupa Lìog na h-Alba air a chluich airson a' chiad uair. A dh'aindeoin, tha an sgioba a bhuinneas dhan 'bhaile ùr' air an t-seann chupa a bhuannachadh aon turas.

Eachdraidh

'S ann ann an 2004 a chuir 'Leòmhainn Livi' dà thadhal seachad air sgioba Hibs aig Bobby Williamson airson an cupa a thoirt air ais a Shiorrachd Lodainn an Iar. Feuchaidh Baile Dhùn Lèibhe greim fhaighinn air an aon tiotal airson an dàrna turas air Là na Sàbaid, ach tha aon sgioba a' seiseamh eadarra agus tuilleadh eachdraidh.

'S e 'cridhe na h-Alba' a chanas cuid ri Siorrachd-Pheairt. Tha an sgìre ann an meadhan tir-mòr na dùthcha agus tric a' nochdadh ann an meadhan chùisean eachdraidheil na h-Alba. Chan eil eachdraidh sgioba ball-coise baile Pheairt a' dol air ais cho fada ri Abaid Sgàin, ach tha coimeas ann ri dhèanamh eadarra. Mar a tha an t-seann togalach ainmeil airson creag nach eil innte, tha rud luachmhor air dhìth St Johnstone cuideachd. Chan eil an comunn - a tha dol cho fada air ais ri 1884 - riamh air Cupa Lìog na h-Alba a bhuannachadh.

Àrd-ùrlar

Cha robh aire mhòran air na bha tachairt aig Pàirce Ainslie neo aig Pàirce Central nuair a thòisich Cupa Lìog na h-Alba air an t-seusan-sa. Ach gu tric 's ann air falbh bho mheadhan an àrd-ùrlar a thòisicheas na dealbhan-cluiche as fheàrr. Thaining Baile Dhùn Lèibhe seachad air Edinburgh City 5-1 anns a' chiad gheama aca ann an farpais na bliadhna-sa.

Rinn St Johnstone an gnothach air Kelty Hearts le aon tadhal a bharrachd a-mach à trì. Bho na puingean sin, bhuannaich Baile Dhùn Lèibhe agus St Johnstone na buidheannan aca, agus thàinig iad tro thrì cuairtean eile airson àiteachan ann an cuairt-deireannach na co-fharpaise ann an Glaschu a dhèanamh cinnteach.

Làidir air an rathad

Choinnich na sgiobaidhean seo bho chionn trì seachdainnean aig Pàirce Almondvale. 'S iad St Johnstone a bhuannaich 2-1 an turas sin - agus iad a toirt sreath de gheamannan anns nach robh Livi air call gu crìoch. Ach 's iad Livi a bhuannaich nuair a choinnich na sgiobaidhean aig Pàirce MhicDiarmid na bu tràithe air an t-seusan. 'S iad seo sgiobaidhean a tha le chèile air barrachd phuingean a thogail agus barrachd thadhail fhaighinn air falbh bhon taigh na tha aig na dachaighean aca fhèin.

Tha Bhaile Dhùn Lèibhe air a bhith nan dùbhlan do mhòran air an t-seusan sa. Chan eil an sgioba buailteach mòran ùine a thoirt do sgiobaidhean leis a' bhall - stoidhle a tha air an sgioba a shlaodadh dhan chòigeamh àite anns an lìog. 'S ann ann an meadhan na pàirce a tha cùisean a' tighinn ri chèile do sgioba Dhaibhidh Martindale. 'S ann air Craig Sibbald agus an sgiobair Marvin Bartley a tha uallach gluasadan an sgioba eile a bhriseadh sios agus ruitheam a' gheam atharrachadh.

Stoidhle

Le Scott Pittman a' cluich air beulabh an dithis agus nas fhaisge air aghaidh an sgioba, tha dòigh aig Livi cluich a' gheama a thoirt gu leth eile na pàirce gu luath. Tha pàirc fharsaing Hampden nas motha na pàirc chumhang Almondvale, ach tha an sgioba air sealltainn gu bheil an stoidhle aca a' freagairt an dà chuid aig an taigh agus air lèanagan eile.

Tha ainm aig St Johnstone a bhith nan sgioba nach bi a' cur mòran thadhail. Chan eil sin air a bhith buileach fìor air an t-seusan sa ge tà. Dìreach anns na geamannan a chaidh seachad, tha na Saints air trì tadhail a' chuir seachad air Tobar na Màthair, Cille Mheàrnaig agus air Hibs ann an iar-cuairt deireannach Cupa Lìog na h-Alba. Chan e sgioba a tha seo às aonais dòighean sgiobaidhean eile a ghortachadh.

Às dèidh tòiseachadh gu mall, tha an cluicheadair aghaidh Guy Melamed air a bhith am measg nan tadhail bho chionn ghoirid. Eadar e fhèin agus Chris Kane, tha cluicheadairean aghaidh aig sgioba Challum Davidson air a bhith a' lorg an lìon dìreach ann an àm airson a' ghèam as motha dhen t-seusan aig na Saints. Chan e aghaidh an sgioba a-mhàin a tha air tadhail a thoirt do St Johnstone ge-tà.

Cunnart

Tha Shaun Rooney air a bhith na chreag ann an loidhne-dìon sgioba Pheairt air an t-seusan sa agus tha e comasach air nochdadh ann an suidheachaidhean cunnartach ann am bogsa an sgioba eile.

Sgiobaidhean le diofar neartan agus diofar sgilean. Aon sgioba bho bhaile òg a tha air caibideil eachdraidheil a chur ri sgeulachadan na sgìre mar-thà, agus aon sgioba bho bhaile eachdraidheil nach eil air crùnadh ann an Cupa Lìog na h-Alba fhaicinn fhathast.

Ge brith dè thachras nuair a choinnicheas Baile Dhùn Lèibhe agus St Johnstone aig Pàirce Hampden air Là na Sàbaid, bidh sgeulachd air a sgrìobhadh a bhios air innse airson iomadach bliadhna ri thighinn.

/naidheachdan/56209650