Main content

Geamaichean Iomain be貌 air 麻豆官网首页入口 ALBA

Thèid an dà iar-chuairt dheireannach, agus cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil, a chraoladh air 麻豆官网首页入口 ALBA am-bliadhna.

A bharrachd air na trì geamaichean sin, bidh cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh ri fhaicinn air beò air an t-seanail cuideachd. Thèid cuairt dheireannach Cupa na Camanachd a chraoladh air 麻豆官网首页入口 Scotland.

Coinnichidh Lòbhat ri Caol Bhòid sa Ghearasdan Disathairne 6mh an Lùnastal.

Às dèidh dhaibh call an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an cuairt dheireannach Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu, rinn iad a' chùis orra Disathairne airson àite fhaighinn san iar-chuairt dheireannaich den fharpais seo.

Ach bidh Lòbhat làn dòchais adhartas a dhèanamh bhon iomairt aca sa chupa an-uiridh nuair a rinn Ceann Loch Seile a' chùis orra sa chuairt dheireannaich 3-1.

Sa gheama eile, cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain.

Chan eil Ceann a' Ghiùthsaich air geama a chall fhathast air an t-seusan seo agus tha iad air Cupa MhicThàmhais a thogail mu thràth.

Ach bha aig Camanachd an Òbain ri Ceann Loch Seile a chur a-mach às an fharpais, sgioba a thog an cupa an-uiridh.

Iar-chuairtean Deireannach Cupa na Camanachd

Lòbhat v Caol Bhòid, Disathairne 6mh an Lùnastal, 4:05f, an Àird, sa Ghearasdan.

Ceann a' Ghiùthsaich v Camanachd an Òbain, Didòmhnaich 14mh an Lùnastal, 4:05f, an Àird, sa Ghearasdan.

Cuairt Dheireannach Chupa MhicAmhlaidh

Ceann a' Ghiùthsaich / Lòbhat v Camanachd an Òbain / Caol Bhòid.

Didòmhnaich 21mh an Lùnastal, 2:05f, Pàirce Mossfield, san Òban.

Cuairt Dheireannach Chupa Valerie Fhriseil

Bàideanach / Obar Dobhair v An t-Eilean Sgitheanach / Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, Disathairne, 3mh an t-Sultain, 4:05f, An t-Eilean, Bàile Ùr an t-Slèibh.

/naidheachdan/62203895