Main content

Fiabhras A' Chupa An Inbhir Nis

Tha cuimhne agam cluinntinn nuair a bha mi beag mu thinneas neònach a bhiodh a' bualadh air cuid de dhaoine agus bailtean beaga gu sònraichte mun àm seo den bhliadhna.

Mar as trice 's ann ann an Roy of the Rovers no iris coltach ris a bhiodh an naidheachd.

Chan e galar mairbhteach no dad mar sin a bh' ann, is seach astrachadh-sòisealta, 's ann a bhiodh e a' toirt dhaoine còmhla ann an àireamhan mòra, 'son treis co-dhiù.

Agus bho chionn 100 bliadhna bha Fiabhras a' Chupa ma sgaoil ann an Inbhir Nis.

B' e dòs làidir dheth a bh' ann cuideachd - oir bha a dhà de phrìomh sgiobaidhean ball-coise na dùthcha gus tadhal air a' Ghàidhealtachd.

Bhiodh Rangers - aig mullach Lìog na h-Alba - aig Sràid nan Granndach an aghaidh Clach na Cùdainn.

Leth mhìle air falbh aig Sràid Telford, chuireadh Caledonian fàilte air Cill Mheàrnaig, a bha air Cupa na h-Alba a thogail dà bhliadhna roimhe.

Cha robh dùil an toiseach gun rachadh an dà gheama air adhart aig tuath.

"Two Inverness clubs had rare luck in the Scottish Cup draws", dh'innis an Aberdeen Daily Journal. "It was ascertained that in all probability Clachnacuddin will forego playing their match at Inverness and meet the Rangers at Ibrox. The Clachnacuddin have just erected a large new stand, and the lucky draw is quite a windfall to the club".

Ach thàinig car ris nach robh dùil.

Thuit na còmhraidhean eadar Lilywhites Mharc Innis is Light Blues Bhaile Ghobhainn às a' chèile gun aonta. Bha Rangers a' dol dhan Ferry.

Bha Courier Inbhir Nis air an dòigh: "The match will be the game of the season", ged nach robh na pàipearan ann am meadhan na dùthcha cho toilichte "that the mighty Rangers have been compelled by humble Clachacuddin to travel to Inverness".

Smaoinich.

Is bha cuid aig tuath a bha rudeigin mosach mun ghnothach cuideachd air adhbhar eile. Dè cho tric 's a gheibh sinn cothrom na sgiobaidhean mòra fhaicinn an seo, thuirt iad, is a-nise tha a dhà dhiubh a' tadhal aig an dearbh àm air an dearbh fheasgar.

Sin mar a bha. A-nise bha farpais ann an luchd-taic a thàladh.

Nochd na sanasan ri taobh a chèile air duilleag aghaidh a' Chourier.

"TIT-BIT OF THE SEASON", gheall Clach. "All for Telford Street", dh'èigh Caley.

Bha sanas aig Companaidh Rèile na Gàidhealtachd cuideachd le faraidhean sònraichte a dh'Inbhir Nis 'son an là. Thigeadh iad bho fhad is farsaing.

Abair gun robh Fiabhras a' Chupa ma sgaoil ann an oifisean a' Chourier. Ann an colbh beachd, thug am pàipear trod dhan Phrìomhaire. Dè rinn Lloyd George ach òraid a thoirt seachad Disathairne.

Nach robh fios aige gur e là a' bhuill-choise a bha sin? "If politicians must be talking on a Saturday, then it behoves them to speak early if they wish to compete with football", ars am pàipear.

Agus 's dòcha a' cuimhneachadh air an oidhche iongantaich dìreach beagan mhìosan ron seo nuair a rinn sgioba de Chaley is Thistle a' chùis air Spurs ann an geama càirdeil, bha an Courier a' fàs rudeigin misneachail.

"With pluck and determination, it is wonderful what can be achieved in the football arena, and who knows but there may be a surprise in store for the visiting aspirants to the cup!"

Sin mar a bhios am fiabhras ag obair ort.

Bha na mìltean an làthair an dà chuid aig Sràid nan Granndach is Sràid Telford. Robh cluicheadairean ball-coise na Gàidhealtachd a' dol a chur an ceòl air feadh na fìdhle uair eile?

Cha robh. Cha robh an turas seo.

Bha Rangers a dhà air thoiseach an aghaidh Clach is gun ach deich mionaidean air a' ghleoc. Sin mar a bheir thu am fhiabhras sìos gu sgiobalta.

Nuair a thàinig feasgar fada do Chlach na Cùdainn gu ceann, bha sgioba Ibrox air buannachadh 5-0, a' sealltainn carson a rachadh iad dhan chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba air a' cheann thall.

"Clachnacuddin were outclassed and outplayed, and perhaps overawed with Rangers' name", dh'innis na pàipearan.

Shuas an rathad rinn Caley rud beag na b'fheàrr - chuir iad tadhal co-dhiù - ach chuir Cill Mheàrnaig còig.

"The Caledonian's efforts were crude and spasmodic".

Bha Fiabhras a' Chupa seachad do Chlach is Caley, 'son bliadhna eile co-dhiù. Galar ràitheil a bh' ann bho thùs.

Ach bha tinneas ball-coise eile, am fear seo maireannach, fhathast ma sgaoil. Am measg aithrisean anns na pàipearan mu na geamaichean fhèin, bha cuideachd sgeulachd mu bhuidheann de luchd-taic Rangers is an turas aca gu monaidhean fiadhaich na Gàidhealtachd.

Bha na balaich seo - 'Na Bing Boys' - air cur rompha siubhal a dh'Inbhir Nis ann an charabanc.

Cha robh guth air rabhadh buidhe no dad coltach ris bho chionn 100 bliadhna, ach ma bha an luchd-taic air èisteachd ris na naidheachdan bhiodh iad air cluinntinn gun robh frasan troma sneachda air an loidhne rèile a dhùnadh eadar Dail an Spideil is Dail Chuinnidh.

Bha na balaich gu math dòigheil nuair a chuir iad cùl ri Glaschu oidhche Haoine is ràinig iad Peairt gun duilgheadas mòr sam bith. B' ann às dèidh sin a thòisich an t-àmghar.

Tro shneachd is cathadh chaidh na Bing Boys - is feum aca air spaid grunn thursan gus slighe a chlearadh.

Seachad air Blàr Athall fhuair iad rabhadh bho chìobair gun a dhol dad nas fhaide.

Thioramaich iad an stocainnean aig teine a' chìobaire ach cha do dh'èist iad ris is chùm iad orra gus an do ràinig iad Druim Uachdar nam Bò, far an tàinig iad tarsainn air sneachd ochd tròighean a dh'àirde air an rathad is trèana glaicte faisg air làimhe.

Mar a chuir na cinn-naidheachd e, bha luchd-taic Rangers "Stuck on the summit of Drumochter".

Obh obh.

"They laboured with pick and shovel until exhaustion set in, and with a desperate effort, they managed to turn the car with her nose to the south".

"Arriving at Perth in the evening, they heard the result of the game and congratulated themselves that Rangers had won the match, and that the "Bing Boys" were still outside the asylum walls. After all, there is such a thing as football mad".

Is cha d'fhuaireas leigheas airson an tinneis sin fhathast.

/naidheachdan/60160069