Main content

Lìogaichean na h-Iomain

Dh'fhoillsich Comann na Camanachd dè an cruth a bhios air lìogaichean na h-iomain am-bliadhna.

Bha fios mar-thà gur e lìogaichean sgìreil a bhiodh ann is Comann na Camanachd ag amas air an t-seusan ùr a thòiseachadh air an 5mh den Ògmhios.

Tha dearbhadh ann a-nise air cò bhios anns gach lìog.

Bidh 6 sgiobaidhean anns cha mhòr gach roinn, a' ciallachadh gum bi 10 geamaichean aig clubaichean.

Dh'innis Comann na Camanachd gum bi farpaisean cupa ann cuideachd is gun tèid na taghaidhean a dhèanamh anns na seachdainnean ri tighinn.

Chan eil guth aig an ìre seo air farpaisean airson iomain nam ban.

Tha lìogaichean nam fear mar a leanas:

Mowi Lìog A

An Gearasdan

Gleann Urchadain

Cill Mhàillidh

Ceann Loch Seile

Loch Abar

An t-Eilean Sgitheanach

Mowi Lìog B

A' Mhanachainn

Cabair Fèidh

Ceann a' Ghiùthsaich

Lòbhat

Baile Ùr an t-Slèibh

Srath Ghlais

Mowi Lìog C

Obar Dobhair

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Inbhir Aora

Caol Bhòid

Camanachd an Òbain

Ceilteach an Òbain

Mowi Lìog a Tuath A

An Gearasdan 2

Gleann Garadh

Gleann Urchadain 2

Ceann Loch Seile 2

Loch Carrann

An t-Eilean Sgitheanach 2

Mowi Lìog a Tuath B

Oilthigh Obar Dheathain

Cabair Fèidh 2

Ceann a' Ghiùthsaich 2

Inbhir Nis

Lòbhat 2

Baile Ùr an t-Slèibh 2

Mowi Lìog a Tuath C

A' Mhanachainn 2

Both Fhleisginn

Inbhir Nis 2

Leòdhas

Srath Ghlais 2

Srath Spè

Mowi Lìog a Deas A

Baile a' Chaolais

Bòd

Inbhir Aora 2

Cille Mhoire

Lochside Rovers

Taigh an Uillt

Mowi Lìog a Deas B

Obar Dobhair 2

Bòd 2

An Caol Ghleann

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 2

Caol Bhòid 2

Tath For

Mowi Lìog a' Mheadhain

Àird nam Murchan

Gleann Urchaidh

Cill Mhàillidh 2

Loch Abar 2

Ceilteach an Òbain 2

/naidheachdan/56600443