Main content

Glasgow City agus Rangers gun chall fhathast ann an SWPL 1

Tha Rangers air mullach an lìog a ruighinn às dèidh dhaibh droinneadh 5-0 a thoirt air Dùn Dè Aonaichte.

Fhuair Glasgow City trì puingean cuideachd an aghaidh Celtic, gam fàgail san dàrna àite ann an SWPL 1.

Leis gun do chaill Celtic airson a' chiad uair air an t-seusan seo, thuit iadsan dhan treasamh àite.

Cha robh ach dà mhionaid air an cleoc mus do chuir Colette Cavanagh a' chiad tadhal aice do Rangers.

Chuir Kayla McCoy Rangers dà thadhal air thoiseach ceithir mionaidean às dèidh sin agus fhuair Cavanagh fear eile le beagan a bharrachd na leth-uair a thìde air a dhol seachad.

Bha barrachd tadhail ri thighinn do Rangers tràth san dàrna-leth.

Às dèidh ball domhain a-steach dhan bhogsa le Kirsty NicIlleathain, nochd Raonaid McLauchlan, tè a thàinig air a' phàirce aig leth-ùine, aig a' phosta-chùil airson an ceathramh tadhal fhaighinn.

Thàinig an còigeamh fear às dèidh breab-oisean is Lisa Martinez a' bualadh a bhall gu làidir seachad air an neach-glèidhidh aig Dùn Dè Aonaichte.

Fhuair Glasgow City tadhal anmoch an aghaidh Celtic airson gluasad chun dàrna àite san lìog.

'S i Hayley Lauder a fhuair an tadhal do City le 90 mionaid air a' chleoc airson an geama a bhuannachadh a dhà gu h-aon.

'S e seo a' chiad gheama a chaill Celtic an t-seusan seo.

Tha seo gam fàgail san treasamh àite agus a' ciallachadh gun do ghluais Rangers chun a' chiad àite leis gun d' fhuair iad trì puingean an aghaidh Dhùn Dè Aonaichte.

Bha an geama eadar Glasgow City agus Celtic gun tadhail sa chiad-leth ach dh'adhbhraich droch-ionnsaigh le neach-glèidhidh Celtic, Pamela Tajonar air Emily Whelan breab-pheanais do City trath san dàrna leth.

Chuir Lauren Davidson am ball dhan lìon bhon spot agus bha City air thoiseachd air sgioba Fran Alonso.

Dh'fhreagair Celtic le beagan nas lugha na cairteal na h-uarach air fhàgail dhen a' gheama is Shen Menglu le oidhirp bho thaobh chlì a' bhogsa.

Ach chùm sgioba Eileen Gleeson orra agus thuit am ball aig casan an sgiobair, Hayley Lauder sa mhionaid mu dheireadh dhen a' gheama.

Ghabh ise brath air a' chothrom am ball a chuir seachad air an neach-glèidhidh a'cur Glasgow City air thoiseach a-rithist.

Cha robh e comasach do Celtic sin atharrachadh mus do dh'fhalbh an fhìdeag mu dheireadh agus chriochnaich an geama 2-1 gu City.

S na geamaichean eile, rinn Obar Dheathain a' chùis air Glasgow Women 2-0 agus bhuannaich Hearts 1-0 an aghaidh Thobar na Màthar.

Chrìochnaich an geama eadar Hibernian agus Partick Thsitle gun tadhail agus chaill na Spartans 2-1 aig an taigh an aghaidh Hamaltan.

/naidheachdan/63457755