Main content

Linn ùr ann am Baile Udain

Tòisichidh seusan ùr na h-iomain Disathairne agus am measg nan sgiobaidhean a tha a' deasachadh airson tilleadh dha na lìogan àbhaisteach, bidh sgioba nam fear aig Baile Udain an sàs sna lìogan farpaiseach airson a' chiad uair a-riamh.

Tha sgioba bhoireannach mu thràth aig a' chluba is iad an sàs ann an Lìog Meadhain nam Ban ach bha miann ann sa sgìre airson sgioba fhireannach cuideachd.

Le baga làn chamain na làmh, thòisich Lee MacThòmais à Loch nam Madadh a' teagasg aig Sgoil Bhaile Udain is e airson cothrom spòrs ùr fheuchainn a thoirt dha na sgoilearan aige.

Cha robh eòlas sam bith aca air iomain ach, beag air bheag, dh'fhàs an àireamh de sgoilearan aig na seiseanan-trèanaidh a chur Lee air dòigh aig àm-lòin dhaibh.

Ùidh mhòr

Cha robh ann ach cur-seachad an toiseach, ach leis gun robh ùidh cho mòr aig na h-òganaich sa spòrs às dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, ghabhadh cluba fa leth a chur air dòigh.

Agus ann an 2019, bha Sgioba Bhaile Udain an dùil a bhith a' cluich ann an lìogan nam fear.

Chuir an glasadh-sluaigh stad air sin ge-tà agus bha aca ri feitheamh chun t-seusan seo gus pàirt a ghabhail ann an Lìog a Dhà aig Deas.

Tha fadachd air a' chluicheadair Adam Mac a' Bheatha tòiseachadh:

"Chanainn gur e rud glè chudromach a th' ann gu bheil sgioba nam fear ann air sgàth 's nach robh sgioba a-riamh ann am Baile Udain ron an seo.

Mar as trice thathar a' cluich iomain sa Ghàidhealtachd agus mar sin, 's e rud air leth sònraichte a th' ann gu bheil iomain ri fhaighinn sa sgìre seo", thuirt Adam.

Pàirc a dhìth

Tha pàirc fhathast a dhìth air a' chluba agus cluichidh iad na geamaichean aca air falbh bhon taigh airson greis gus am bi goireasan ceart ann dhaibh.

"Far a bheil sinn stèidhichte, chan eil mòran talmhainn mun cuairt oirnn.

Ach, tha sinn air còmhradh a thòiseachadh leis a' chomhairle gus àite a lorg a bhiodh freagarrach airson pàirc iomain", thuirt Lee MacThòmais.

/naidheachdan/60625653