Main content

ICT gus cluich an aghaidh na h-Eaglaise Brice an Cupa na h-Alba

Bidh Caley Thistle Inbhir Nis an aghaidh sgioba na h-Eaglaise Brice san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba.

Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Luain às dèidh dhan Eaglais Bhric a' chùis a dhèanamh air Ayr United 2-1.

'S e faochadh a bhios ann an dà chuid do dh'Inbhir Nis agus sgioba na h-Eaglaise Brice gun deach aca air Celtic is Rangers a sheachnadh san iar-chuairt dheireannaich, is fuamhairean Ghlaschu air an taghadh an aghaidh a chèile sa gheama eile.

Bidh cuimhne aig mòran gun do rinn Caley Thistle a' chùis air an Eaglais Bhric 2-1 sa chuairt dheireannaich nuair a bhuannaich iad Cupa na h-Alba ann an 2015.

Bidh na geamaichean san iar-chuairt dheireannaich ann aig Hampden air an 29/30mh den Ghiblean.

'S ann air an 3mh den Ògmhios a bhios a' chuairt dheireannach.

/naidheachdan/64950577