Main content

Lìog Leòdhais leis an Rubha

Bhuannaich an Rubha Lìog Leòdhais is na Hearadh a-rithist às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air a' Bhac 2-1 oidhche Luain.

Chuir Aonghas Dòmhnallach na Rubhaich air thoiseach às dèidh 20 mionaid aig Garrabost is sin mar a bha cùisean aig leth-ùine.

'S e sgioba car òg a bh' aig a' Bhac agus 's e fear de na balaich sin, Tyler MacIlliosa, a chuir an tadhal tràth san dàrna leth a dh'fhàg an geama co-ionnan.

Le 20 mionaid air fhàgail ge-tà, chuir Mikey Jones an Rubha air ais air thoiseach agus chrìochnaich an geama 2-1.

Leis gun do chaill an Taobh Siar 2-0 an aghaidh Nis, bhiodh an Rubha air an lìog a buannachadh oidhche Luain fiù 's ged a bhiodh iad air call an aghaidh a' Bhac.

Cothrom

'S e seo an dàrna bliadhna ann an sreath a thog na Deargaich an tiotal. Bidh iad ag amas a-nise air an dà gheama mu dheireadh aca a bhuannachadh cuideachd gus an lìog a chrìochnachadh gun phuing idir a leigeil às.

Tha cothrom aca cuideachd air Cupa Jock Stein is am Bac gu bhith aca a-rithist sa chuairt dheireannaich.

Cuideachd oidhche Luain, bhuannaich United a' chiad gheam acasan anns an lìog air an t-seusan seo is iad a' dèanamh a' chùis air Athletic 1-0.

Thàinig soirbheachas an Rubha ann an Leòdhas às dèidh do sgioba Bharraigh Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

Rinn na Barraich an gnothach ann an stoidhle cuideachd le pronnadh 9-0 a thoirt air Uibhist a Tuath.

/naidheachdan/62644048