Main content

MacAoidh air a dhòigh

Rinn manaidsear Ross County moladh mòr air an sgioba às dèidh dha na Staggies buannachadh an aghaidh Tobar na Màthar oidhche Mhàirt.

Chaidh County air thoiseach aig deireadh a' chiad leth ann an Inbhir Pheofharain is Sondre Solholm a' cur a' bhuill dhan lìon aige fhèin.

Bha Tobar na Màthar co-ionnan tro Jordan Roberts ge-tà, agus 's ann a bha coltas dubhach air cùisean do Chounty nuair a chaidh Jordan Tillson a chur dheth is leth uair a thìde air fhàgail.

Ach b' iad an sgioba le deichnear a chrìochnaich a bu làidire, Regan Charles-Cook le dà thadhal, an dàrna tè bho bhreab-peanais, is County a' soirbheachadh 3-1.

"Tha mi air mo dhòigh", thuirt Malky MacAoidh às dèidh làimh.

"Chuir a' chairt dhearg spionnadh annainn. Às dèidh sin bha coltas cunnartach oirnn a h-uile turas a chaidh sinn suas a' phàirc.

"Thàinig na balaich ri chèile is 's e trì puingean air leth a bh' ann an aghaidh sgioba a tha a' dol cho math san lìog", thuirt e.

Tha County fhathast san 10mh àite ach tha iad a-nise còig puingean os cionn Dhùn Dè agus seachd air thoiseach aig St Johnstone aig a' bhonn.

Tha na Saints a-nise air naoi geamaichean a chall ann an sreath is am manaidsear, Calum Davidson, ag aideachadh gu bheil iad a-nise "ann an staing mhòr".

/naidheachdan/60050890