Main content

Là trang sa Phrìomh Lìog

Dhùin uinneag nan transfers aig meadhan-oidhche Dimàirt agus abair gun robh cuid de na clubaichean Albannach a' cleachdadh gach mionaid a bha aca gus na sgiobaidhean aca a neartachadh. Tha Javen Houston bho Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Spòrs air a bhith a' toirt sùil air cuid den fheadhainn as trainge a bh' ann.

Celtic

Às dèidh beagan mhì-chìnnt mun àite aige aig a' chlub, reic Celtic Odsonne Edouard ri Crystal Palace ann am Prìomh Lìog Shasainn airson £14m. Chuir Edouard ainm ri cùmhnant ceithir bliadhna aig Selhurst Park.

Bha coltas ann gun robh Celtic an dùil gum biodh am Frangach a' fàgail san uinneig seo leis gun do cheannaich iad an cluicheadair-aghaidh Girogos Giakoumakis à VVV-Venlo mus do chuir Edouard ainm ri cùmhnant aig Palace. 'S e Giakoumakis a chuir an àireamh as motha de thadhail ann am Prìomh Lìog na h-Òlaind air an t-seusan seo chaidh, agus bidh luchd-taic Celtic an dòchas gun urrainn dha an dearbh rud a dhèanamh dhaibhsan am-bliadhna.

Cuideachd, thug Celtic a-steach an cluicheadair òg Jota à Benfica air iasad airson a' chòrr den t-seusan 's esan comasach cluich air gach taobh den phàirc. Leis a seo, saoil am faic sinn Furuhashi a' cluich ann am meadhan na loidhne-aghaidh a-mhàin bho seo a-mach?

Neartaich an club an loidhne-dìon aca cuideachd le Cameron Carter-Vickers a thoirt a-steach air iasad bho Tottenham Hotspur. Tha Carter-Vickers air grunn gheamaichean a chluich do Spurs gu ruige seo, nam measg geama Eòrpach air a' mhìos seo chaidh.

Rangers

Tha coltas làidir air Rangers fhathast 's iad air grèim a chumail air na cluicheadairean as cudromaiche aca. Bidh an luchd-taic air bhioran Nathan Patterson fhaicinn le lèine ghorm air fhathast às dèidh dhan uinneig dùnadh, agus Alfredo Morelos aig Ibrox fhathast cuideachd a dh'aindeoin sgeulachdan agus fathannan gu leòr thairis air an t-samhradh.

Cha robh aodannan ùra aig Ibrox ach dh'fhalbh Cedric Itten air iasad dhan sgioba Ghearmailtich Greuther Furth, agus ghabh Hajduk Split Nikola Katic air iasad cuideachd. Bu chòir gum faigh an dithis barrachd gheamaichean air iasad, is gu h-àraid Katic a chaill a-mach air an t-seusan seo chaidh is e air a dhroch leòn.

Ross County

Dh'fheuch Ross County ris an loidhne-aghaidh aca a neartachadh às dèidh dhaibh Oli Shaw a reic ri Cille Mheàrnaig agus 's e sin a rinn iad le Alex Samuel a' cur ainm ri cùmhnant dà bhliadhna. Chan eil Samuel air a bhith am measg nan tadhal gu ìre mhòir thuige seo, is gun ach 11 tadhal aige ann an 90 geama a chluich e do Wycombe Wanderers. Mar sin, bidh e inntinneach fhaicinn ciamar a thèid dha ann an Inbhir Pheofharain. Saoil am bi loidhne-aghaidh na Staggies làidir gu leòr 'son fuireach sa Phrìomh Lìog?

St Johnstone

Bha cùisean trang ann am Peairt cuideachd le Ali McCann agus Jason Kerr a' fàgail St Johnstone. Chuir McCann ainm ri cùmhnant le Preston North End agus Kerr a' soighnigeadh do Wigan Athletic. A rèir a' chlub, dh'fhaodadh iad barrachd air £2m fhaighinn airson nan cluicheadairean air a' cheann thall.

Bha an dithis aig cridhe soirbheachais St Johnstone nuair a ghlèidh iad Cupa na h-Alba agus Cupa na Lìge air an t-seusan seo chaidh - rud a chuir iongnadh air luchd-leantainn ball-coise na h-Alba air fad. Leis an sin, shaoileadh tu gum bi seo na bhuille do luchd-taic St Johnstone, gu h-àraid leis a' phrìs a fhuair an club airson an dithis ghaisgeach. A dh'aindeoin seo, 's e faochadh a bhios ann do chuid de luchd-taic St Johnstone gu bheil Zander Clark, Shaun Rooney 's an leithid fhathast aig a' chlub is an uinneag air dùnadh.

Rinn Callum Davidson cinnteach gun d' fhuair Saints cluicheadairean a-steach cuideachd, le Ali Crawford a' tighinn à Bolton Wanderers, Lars Dendoncker à Brighton agus Cammy Mac a' Phearsain à St Mirren, uile air iasad. Cuideachd, dhearbh St Johnstone gu bheil an cluicheadair-aghaidh Eetu Vertainen air ainm a chur ri cùmhnant da bhliadhna - fear a tha air mòran ball-coise a chluich aig ìre Eòrpaich dha HJK Helsinki.

/naidheachdan/58406493