Main content

ICT air tuiteam far a' mhullaich

Thuit Caley Thistle Inbhir Nis far mhullach an Championship às deidh dhaibh call ri Obar Bhrothaig 1-0 oidhche Mhàirt.

Fhuair Michael McKenna an tadhal do dh'Obar Bhrothaig, le breab-saor bhon chliathaich a ghlac Mark Ridgers a-mach.

Bha a h-uile coltas ann gun do chuidich a' ghaoth làidir am balla dhan lìon air oidhche robach ann an Inbhir Nis.

Dh'fhàg an droch shìde cùisean doirbh dha na cluicheadairean agus dh'fhaillich air ICT cothroman soilleir a chruthachadh agus chaill iad aig an taigh airson a' chiad turas air an t-seusan.

Le Cille Mheàrnag a' tighinn am bàrr anmoch ann an dearbaidh Shiorrachd Àir ghluais sin Killie chun a' mhullaich air an àireamh thadhail a tha iad air cur.

Tha Obar Bhrothaig a-nis suas dhan treasamh àite.

Thèid ICT a Ghlaschu Disathairne airson an ath gheama aca an aghaidh Phartick Thistle.

/naidheachdan/59063877