Main content

Ceann a' Ghiùthsaich: "Cho math 's a chluich sinn am-bliadhna"

Bha rabhadh ann do shaoghal na h-iomain is Ceann a' Ghiùthsaich ag ràdh gun do chluich iad an geama as fheàrr aca den bhliadhna thuige seo air an deireadh-sheachdain.

Bha dùil ri geama faisg ann an Cupa MhicThàmhais aig Caisteal Leòid is Cabar Fèidh an aona sgioba a rinn a' chùis air Kings san lìog an-uiridh.

Gu dearbh, rinn iad sin dà thuras.

Cha robh ceist ann an turas seo is sgioba Bhàideanach air grèim teann a ghabhail air cùisean tràth.

Chaidh iad air thoiseach às dèidh 21 mhionaid, Dylan Borthwick a' tionndadh Ryan Simmonds mus do shlaic e am ball àrd dhan lìon.

Chan fhaigheadh Cabers faisg air Borthwick is chuir e tadhal àlainn eile taobh a-staigh trì mionaidean.

Nuair a chuir Savio Genini am ball dhan lìon goirid ro lethach-slighe bha an geama an ìre mhath seachad.

Cha robh ach aona thadhal san dàrna leth is cò fhuair e ach Dylan Borthwick is e a' cur crìoch air hat-trick.

Chrìochnaich e 4-0 is ged as 's e Borthwick a ruith air falbh leis na cinn-naidheachd, 's ann a thog am manaidsear aige Ian Borthwick air Robert Mabon aig a' chùl is mar a chùm esan Craig Moireasdan aig Cabers cho sàmhach.

"Tha mi a' smaointinn gur e sin an geama as fheàrr a chluich sinn am-bliadhna", thuirt Iain Friseal aig Ceann a' Ghiùthsaich, taobh a-muigh.

"Thòisich sinn gu math luath is ghabh sinn na teansaichean againn".

'S e an rud a chuireas eagal air na sgiobaidhean eile gu bheil Kings a' tighinn gu ìre is cuid de na cluicheadairean as fheàrr aca fhathast a' tilleadh.

Nochd Seumas Falconer a-rithist far na beingidh Disathairne is dòchas cuideachd gun till Roddy Young cuideachd mus bi an samhradh seachad.

Anns na geamaichean eile ann an Cupa MhicThàmhais thug na Sgitheanaich droinneadh 6-1 air Inbhir Nis.

'S e Iain MacAonghais òg a fhuair cùisean gu dol is Dan Dòmhnallach cuideachd am measg nan tadhal.

Chaidh an Gearasdan air adhart an aghaidh na Manachainn sa bhlàr eadar an dà sgioba aig mullach na Lìge Nàiseanta is gu math nas chofhurtaile na bhiodh mòran an dùil.

Chrìochnaich e 4-1 is an Gearasdan a' togail air toiseach-tòiseachaidh làidir den t-seusan.

Chaill na nàbaidhean aca Cill Mhàilidh 3-2 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh, ach bidh iad air am misneachadh cuideachd leis mar a rinn na cluicheadairean òga aca, is is an seusan aca air a bhith gu math measgaichte gu seo.

Thèid an taghadh airson iar-chuairtean deireannach Chupa MhicThàmhais a dhèanamh Dimàirt an 30mh den Ghiblean.

Bha na tadhail a' frasadh aig deas sa Chupa Cheilteach.

Rinn Àird nan Murchan an t-slighe gu ruige Taigh na Bruaich airson geama cho mòr 's a chluich iad a-riamh.

Bidh cuimhne aca air cuideachd is Caol Bhòid a' soirbheachadh 14-0 le sia de na tadhail a' tighinn bho Scott Dòmhnallach.

Bha Camanachd an Òbain cha mhòr cho cruaidh air na nàbaidhean aca is iad a' buannachadh 9-0 an aghaidh Celtic an Òbain.

'S e faochadh a bha sin do Celtic gu ìre is iad 7-0 air dheireadh aig lethach-slighe.

Chaidh Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal troimhe 4-1 an aghaidh Bhòid ach bha gnothaichean gu math nas fhaisge ann an Gleann Da-Ruail eadar Caol-Gleann is Inbhir Aora.

'S e tadhal bho Champbell Watt a bhuannaich an geama 1-0 do dh'Inbhir Aora, is an dà sgioba a' fàiligeadh às dèidh sin le slaicean-peanais.

Bidh Inbhir Aora a-nise an aghaidh Camanachd an Òbain is Caol Bhòid an aghaidh GMA.

Bha dà gheama sa Phrìomh Lìog Disathairne is Lòbhat a' soirbheachadh 4-1 an aghaidh Ghleann Urchadain is Ceann Loch Seile 5-0 an aghaidh Loch Abair.

'S iad Clann MhicRath a bha cruaidh air na h-Abraich is Cè, Iain (2) is Zander (2) leis na tadhail.

Bha Lorna NicRath an uair sin ann an sunnd do sgioba nam ban aig Seile Didòmhnaich.

Chuir ise trì is an sgioba a' buannachadh 4-1 an aghaidh Inbhir Nis.

'S iad Bàideanach is Loch Abar a tha fhathast aig mullach na Lìge Nàiseanta. Rinn Bàideanach an gnothach air GMA 6-2 is 's e 6-1 a bh' ann do Loch Abar an aghaidh Dùn Ad.

Bha na Sgitheanaich ann an sunnd cuideachd is iad a' buannachadh 10-0 an aghaidh Àird nan Murchan.

Chuir Holly NicIlleathain còig is Donna NicCoinnich ceithir, a' toirt gu ceann deireadh-seachdain nuair a bha druim goirt aig luchd-glèidhidh à Àird nam Murchan.

/naidheachdan/sgeulachdan/cv2674z6lgwo