Main content

Iar-chuairt dearbhaidh Cupa na Lìog

Tha ceithir sgiobaidhean gan ullachadh fhèin airson cluiche aig Pàirce Hampden ann an iar-chuairt dearbhaidh Cupa Lìog na h-Alba.

Nochdaidh Cille Mheàrnaig aig Pàirce Hampden airson a' chiad uair ann an 11 bliadhnaichean nuair chluicheas iad Celtic Disathairne.

'S iad Rangers an sgioba as soirbheachaile sa chupa seo ach tha dusan bliadhna air a bhith ann bhon turas mu dheireadh a thog iad e - cluichidh iadsan Obar Dheathain san iar-chuairt dheireannaich eile Didòmhnaich.

Còig mìosan a-steach dhan t-seusan, tha 38 puingean eadar Celtic agus Cille Mheàrnaig ann am Prìomh Lìog na h-Alba.

Tha Celtic naoi puingean air thoiseach aig a' mhullach is iad an dòchas an tiotal a ghlèidheadh aig deireadh an t-seusain.

Chan eil iad air geama a chall sna còig geamaichean deug mu dheireadh aca ann am farpaisean Albannach - bhuannaich iad am fear mu dheireadh aca an aghaidh Chille Mheàrnaig 2-0.

Stiùir Ange Postecoglou Celtic gu soirbheachas ann an Cupa na Lìog sa chiad trì mìosan aige os cionn an sgioba ann an 2021.

A bharrachd air a sin, tha e air dà gheama a-mach a trì a bhuannachadh aig Pàirce Hampden bhon a thòisich e air an t-seusan a dh'fhalbh.

Tha làn fhios aig a' mhanaidsear aca dè cho cudromach 's a tha soirbheachas sa chupa seo.

"A thaobh far an robh sinn aig an àm (2021), chaidh tòrr de na rudan a bha mi ag iarraidh a stèidheachadh san sgioba gu luath leis gun do thog sin cupa gu math tràth", thuirt Ange Postecoglou.

"Thog e earbsa, tha e nas fhasa dhan a h-uile duine ionnsachadh a-nis - tha iad ag iarraidh barrachd dheth".

Tha Cille Mheàrnaig ag amas air rudeigin gu tur eadar dhealaichte san lìog.

A' dol a-steach dhan gheama seo Disathairne, tha dìreach ceithir puingean eadar iad fhèin agus Ross County a tha a' suidhe aig bonn chùisean.

Bidh cuimhne glè mhath aig cuid den luchd-taic aca air an turas mu dheireadh a chluich iad aig Pàirce Hampden ge-tà.

Rinn aon tadhal an diofar le Dieter van Tornhout anmoch sa gheama airson dèanamh cinnteach gun robh cupa gu bhith aig an sgioba aige airson a' chiad uair ann an 15 bliadhna.

Tha dìreach aon cheum air fhàgail gus cothrom greim fhaighinn air a' chupa turas eile ma tha.

"Dùbhlan"

"Tha iomadh cluba eile ann a bhiodh gu math toilichte an geama seo a chluich" thuirt Derek MacAonghais, manaidsear aig Cille Mheàrnaig.

"'S e dùbhlan mòr a bhios ann dhuinn agus feumaidh sinn a bhith cho math 's a ghabhas ach chan eil mi airson cus dragh a ghabhail mu Celtic. Tha làn fhios againn dè cho math 's a tha iad".

"Tha mi airson 's gum biodh geama cho mòr seo aig Cille Mheàrnaig nas trice an àite gach 10, 11, 13 bliadhnaichean leis gur e sgioba Prìomh Lìog na h-Alba a th' annainn."

Cluichidh Celtic no Cille Mheàrnaig an aghaidh Rangers no Obar Dheathain sa chuairt dheireannaich.

'S ann Didòmhnaich a bhios an iar-chuairt dheireannach eile sin.

Thairis air na 13 geamaichean mu dheireadh eadar Rangers agus Obar Dheathain, chan eil Rangers air call.

San Dùbhlachd an-uiridh, nuair a choinnich na sgiobaidhean an turas mu dheireadh bha cùisean gu math faisg eatarra.

Bha Obar Dheathain 2-1 air thoiseach le dìreach ùine a bharrachd ri dhol sa gheama.

Ach nochd Scott Arfield dà thuras airson dèanamh cinnteach gun robh Rangers a' fàgail le na trì puingean.

"Dhearbh sinn gu bheil e comasach dhuinn obair gu cruaidh sa gheama sin" thuirt an sgiobair aig Rangers, James Tavernier.

"Bha againn ri chluich ann an dòigh mì-chofhurtail agus dh'obraich e. Tha sinn airson cluich nas fheàrr san iar-chuiart dheireannaich seo ge-tà".

Tha dusan bliadhna air a dhol seachad bhon àm mu dheireadh a bhuannaich Rangers Cupa na Lìog.

"Tha an cupa seo air leth chudromach dhuinn. Gu follaiseach chan eil mòran san sgioba againn air an cupa seo fhaighinn".

"Tha sinn uile airson cupa a bhuannachadh tràth air an t-seusan. 'S e deagh chothrom a tha seo sin a dhèanamh".

Ged nach eil Obar Dheathain air buannachadh airson greis an aghaidh Rangers, dh'fhaodadh an clàr aca nan aghaidh sa chupa seo a' toirt dòchais dhan luchd-taic aca.

Aig ìre iar-chuairt dheireannaich sa chupa, tha Obar Dheathain air Rangers a chur a-mach às an fharpais ceithir tursan a-mach à sia geamaichean.

Agus 's ann an 2018 an turas mu dheireadh a rinn iad a leithid.

Co-dhiù tha mì-thoileachas air a bhith ann am measg cuid dhen luchd taic aig Obar Dheathain air an t-seusan seo.

"Gu follaiseach tha sinn a' tuigsinn a' chàinidh a tha sinn a' faighinn bhuapa às dèidh Chupa na Cruinne air sgàth gainnead phuingean".

"Saoilidh mi gu bheil a' mhòr chuid dhiubh a' tuigsinn na tha sinn a' dèanamh an seo. Saoilidh mi gu bheil iad a' faicinn gu bheil sinn a' feuchainn ri soirbheachas fhaighinn air ais aig a' chluba".

"Tha mi an dòchas gun urrainn do dh'àireamh den luchd-taic againn an t-slìghe sìos a dhèanamh gu Pàirce Hampden agus tha mi an dòchas gun urainn dhuinne an luchd-taic a dhèanamh pròiseil".

Disathairne

5.30f. Celtic an aghaidh Chille Mheàrnaig

Didòmhnaich

3.00f. Rangers an aghaidh Obar Dheathain

/naidheachdan/64236808