Main content

"Feumaidh sinn tòiseachadh buannachadh" - Dodds

Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gum feum iad tòiseachadh air geamaichean a bhuannachadh a-rithist is Queen of the South gus siubhal chun na Gàidhealtachd Disathairne.

Thog sgioba Billy Dodds puing air an deireadh-sheachdain le tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Reece McAlear a' fàgail gun do chrìochnaich iad 1-1 aig an taigh an aghaidh Raith Rovers.

Bha Raith air a dhol air thoiseach sa chiad leth tro Ethan Ros.

Tha Inbhir Nis fhathast san dàrna àite san lìog agus puing nas fhaisge air Obar Bhrothaig, a chaill 1-0 ann an Inbhir Air.

Riaraichte

Tha Cill Mheàrnaig a-nise co-ionnan ri Inbhir Nis is iadsan air soirbheachadh 2-0 an aghaidh Queen of the South sa chiad gheama aca fo stiùir Derek MhicAonghais.

Is bha Dodds riaraichte gu leòr le puing an aghaidh Raith air a' cheann thall.

"Cha robh sinn ro mhath sa chiad leth is dh'atharraich sinn cùisean is dh'obraich e.

"Bha sinn airidh air puing chanainn. Bha cothrom againn a ghoid aig an deireadh ach dh'fhaodadh Raith a bhith air buannachadh cuideachd.

"Feumaidh mi a ràdh, tha mi a' smaointinn gun robh 1-1 cothromach gu leòr.

"Rinn Cill Mheàrnaig an gnothach sa gheama acasan is tha Derek MacAonghais air tòiseachadh gu math is bha dùil againn ri sin", thuirt e.

Cha do bhuannaich Inbhir Nis a-nise bho rinn iad a' chùis air Morton 6-1 bho chionn mìos.

Bhon uairsin, chaill iad ri Hamaltan is bha iad co-ionnan ri Obar Bhrothaig is Raith.

Cruaidh

Thuirt Dodds ge-tà, nach eil iomagain air idir is gu bheil e toilichte le mar a tha an sgioba a' cluich.

Ach 's e trì puingean a tha e ag iarraidh bho Queen of the South Disathairne.

"Feumaidh sinn tòiseachadh buannachadh a-rithist", thuirt Dodds.

"Tha daoine ag ràdh gur e bristeadh-dùil a bha san dà gheama mu dheireadh ach bha sinn an aghaidh Obar Bhrothaig is Raith. Bhiodh e air a bhith air leth an dà gheama a bhuannachadh ach seo geamaichean cruaidh an aghaidh sgiobaidhean a tha timcheall oirnn san lìog.

"Tha fios againn gum bi Queen of the South doirbh ach tha sinn air buannachadh nan aghaidh dà thuras mar-thà air an t-seusan seo. Tha sinn aig an taigh is tha sinn airson buannachadh", thuirt e.

/naidheachdan/59941057