Main content

Oidhche mhòr an Inbhir Pheofharain

Cluichidh Ross County an geama as motha aca den t-seusan thuige seo oidhche Chiadain nuair a thig Hamilton Accies a dh'Inbhir Pheofharain.

Tha County a' dol a-steach dhan gheama san 10mh àite, trì puingean os cionn Accies a th' aig a' bhonn is puing air thoiseach air Cill Mheàrnaig san 11mh àite.

Thèid Cill Mheàrnaig fhèin an aghaidh St Mirren oidhche Chiadain. Nan cailleadh iadsan is nam faigheadh County na trì puingean, bhiodh na Staggies sàbhailte sa Phrìomh Lìog is geama fhathast ri chluich.

Ach nan rachadh gnothaichean an aghaidh Chounty an aghaidh Accies is nam faigheadh Killie dad idir bho St Mirren, 's ann a bhiodh sgioba Iain Hughes aig a' bhonn a' dol dhan là mu dheireadh.

Casg

Bidh Hughes fhèin a' coimhead bhon stand is e air a chasg bho oir na pàirce 'son a' gheama seo agus an geama mu dheireadh air falbh an aghaidh Tobar na Màthar Didòmhnaich.

Tha seo às dèidh dha ìrean rèitearachd a chàineadh.

Tha àrd-choidse Accies, Brian Rice - a dh'obraich còmhla ri Hughes roimhe aig grunn sgiobaidhean - san dearbh shuidheachadh is esan cuideachd air a chasg.

Thuirt Hughes nach eil e an dùil gun toir seo buaidh ro mhòr air cùisean.

"Leis nach eil luchd-taic ann, cha chreid mi gun dèan e mòran diofair", thuirt Hughes.

"Cluinnidh na cluicheadairean sinn is bidh e comasach fhathast an coidseadh", thuirt e.

Tha dùil aig luchd-taic ri oidhche dhoirbh.

"Chan e geama àbhaisteach ball-coise a bhios ann", thuirt Calum McConnell, a tha a' leantainn na Staggies.

"Sabaid"

"'S e beagan de shabaid a tha gu bhith ann eadar an dà sgioba feuch na puingean a ghlèidheadh.

"Tha Ross County air na geamannan a bhuannachadh aig Hamaltan, is nuair a thàinig Hamaltan suas gu Inbhir Pheofharain anns an Dùbhlachd bhuannaich iadsan.

"John Hughes, 's e aon de na faclan a tha esan a' cleachdadh anns a h-uile agallamh às dèidh nan geamannan 's e consistency.

"Bhuannaich sinn an geama mu dheireadh is tha mi 'son an consistency sin fhaicinn", thuirt e.

Bidh mionaid de shàmhchar ann ron gheama mar chuimhneachan air Stiùbhart MacIllinnein nach maireann.

Chluich Mgr MacIllinnein dha na Staggies is chum e taic mhòr ris a' chluba às dèidh sin.

/naidheachdan/57083739