Main content

Gleann Eilg air tarraing a-mach à Lìog an Eilein Sgitheanaich

Thàinig dearbhadh gu bheil Gleann Eilg air tarraing a-mach à Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.

Chuala coinneamh bhliadhnail na buidhne gu h-oifigeil oidhche Luain nach bi Gleann Eilg a' cluich am-bliadhna, is mar sin nach bi ach seachd sgiobaidhean san lìog.

Thathas a' tuigsinn gu bheil dith chluicheadairean a' bualadh air Gleann Eilg, is iad cuideachd air fulang le cuid a' roghnachadh iomain a chluich seach ball-coise.

Bha naidheachd na b' fheàrr aig an AGM a thaobh Cupa Amataireach na Gàidhealtachd is coltas ann gum feuch a' mhòr-chuid de sgiobaidhean Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse air an fharpais.

Tòisichidh an seusan ùr sa Ghiblean.

Leòdhas is na Hearadh

Chruinnich Comann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh airson an AGM acasan oidhche Luain cuideachd.

Chaidh aontachadh aig a' choinneimh sin tè de na farpaisean a ghearradh bho chlàr nan geamaichean airson an t-seusain a tha romhainn.

Às dèidh deasbaid chruaidh agus bhòt teann, chaidh co-dhùnadh 12 bhòt gu 11 Cupa Acres a ghearradh seach Cuach a' Cho-op.

Dh'aontaich a' choinneamh cuideachd gum faodadh seachdnar chluicheadairean a bhith air an ainmeachadh air a' bheingidh seach còignear mar a th' ann an-dràsta, ged nach fhaod ach còignear cluich.

Chaidh cuideachd taghadh a dhèanamh airson Cupa Leòdhais agus Cupa Jock Stein.

Tha na taghaidhean sin mar a leanas:

Cupa Jock Stein

Ro-chuairt

Na Lochan - Na Hearadh

A' Chiad Chuairt

Nis - An Rubha

An Taobh Siar - Càrlabhagh

Athletic - Na Lochan / Na Hearadh

United - Am Bac

Iar-Chuairt Dheireannach

Nis / An Rubha - An Taobh Siar / Càrlabhagh

Athletic / Na Lochan / Na Hearadh - United / Am Bac

Cupa Leòdhais

Ro-chuairt

An Rubha - Càrlabhagh

A' Chiad Chuairt

United - Na Hearadh

An Taobh Siar - Athletic

Am Bac - An Rubha / Càrlabhagh

Na Lochan - Nis

Iar-Chuairt Dheireannach

United / Na Hearadh - An Taobh Siar / Athletic

Am Bac / An Rubha / Càrlabhagh - Na Lochan / Nis

/naidheachdan/60300515